Naidheachdan
THOIR SEACHAD DO BHEACHD AIR AN T-SIANAIL ÙR GÀIDHLIG

Leis an t-Seirbheis Didseatach Gàidhlig ùr (MG Alba) ga chur air bhog anns an t-Sultain, tha e riatanach gum bi cothrom aig coimhearsnachd Ghàidhlig na dùthcha breith is beachd a thoirt air an stuth a thèid a chraoladh air an t-sianail ùr.


31 An t-Iuchar 2008


Luchd Ciùil nan Cuairtean Chèilidh Còmhla

An t-seachdain seo, tha na h-iomairtean soirbheachail, Cèilidhean air Chuairt, a’ dol air an rathad a-rithist. Ann an 2007, bha cothrom aig barrachd air trichead daoine òga eadar sia bliadhna deug agus fichead bliadhna ‘sa dhà de dh’ aois a chuir seachad an t-samhradh aca a’ toirt ceòl traidiseanta gu luchd-èisteachd timcheall na coimhearsnachdan aca. Am bliadhna, bidh Cèilidh air Chuairt ùr a’ tòiseachadh anns na h-Eileanan Siar, a’ toirt cothrom do dh’ochdnar luchd-ciùil òga tàlantach eile.

30 An t-Ògmhios 2008


CÈILIDHEAN AIR CHUAIRT SNA H-EILEANEAN AN IAR

Am bliadhna, tha Fèis Eilean an Fhraoich air taic-airgid fhaotainn airson sreath chuirmean-chiùil a chuir air dòigh air feadh nan Eilean Siar ann an co-bhonn le Fèisean eile san sgìre. 'S e prìomh amas a' phròiseict cothrom a thoirt do dhaoine òga na sgìre na tàlantan ciùil aca a thaisbeanadh agus na sgilean taisbeanaidh aca a leasachadh agus iad ag obair airson greis mar luchd-ciùil 'proifeiseanta'. 


20 An t-Ògmhios 2008



Fèisean nan Gàidheal is a company limited by guarantee, and a registered charity, no. SC 130071.
An t-ùrachadh mu dheireadh 31/07/2008 14:33:22. © Fèisean nan Gàidheal 2007. Air a dealbh le Pelican Design Consultants. Air a cumail le Sitekit CMS.