• Eadar-nàiseanta

        • Coimisenan

        • Taisbeanadh

        • Com-pàirteachasan

  • Book Courses
  • Language

A’ Beothachadh nan Ciadfathan le Sgeulachdan is Ceòl

Tha sinn air pròiseactan ciùil a lìbhrigeadh do na tràth-bhliadhnaichean (sgoiltean-àraich is clasaichean P1) ann an sia ùghdarrasan ionadail air feadh Alba gu ruige seo.

Thug sinn am pròiseact againn, A’ Beothachadh nan Ciadfathan le Sgeulachdan is Ceòl, gu buil tro Iomairt Chiùil na h-Òigridh. Sa phròiseact seo bidh sgoilearan is luchd-teagaisg ag obair còmhla ri neach-ciùil proifeiseanta gus coimhead air agus piobrachadh a thoirt do chiadfathan na cloinne tro sgeulachdan, òrain, ceòl is gluasadan.

Leis a’ phròiseact seo tha e na amas sgilean a leasachadh a thaobh: mac-meanmna, conaltradh, èisteachd, obair buidhne, spèis, a bhith cur do smuaintean an cèill, agus a bhith cruthachail agus thèid sin a dhèanamh tro ghnìomhan ciùil spòrsail is èasgaidh sam bi a’ chlann a’ dol an sàs. Bidh a’ chlann ag ionnsachadh mu fhuaimean, ruitheam agus àirdean puing ann an dòigh spòrsail. Tro sgeulachdan is gluasadan, thathar a’ brosnachadh nan sgoilearan gu bhith a’ smaoineachadh ann an dòighean cruthachail agus thathar a’ dèanamh feum de cheòl gus am mac-meanmna a dhùsgadh.

Seo eisimpleir no dhà de na bhios a’ tachairt leis a’ phròiseact:
Airson beachdan feadhainn de na tidsearan a chluinntinn mun phròiseact, thoiribh sùil air a’ bhidio seo: