• Eadar-nàiseanta

        • Coimisenan

        • Taisbeanadh

        • Com-pàirteachasan

  • Book Courses
  • Language

Air Ghleus le Nàdar

Feadh àm a’ ghlasaidh-sluaigh, cho-obraich Nàdar Alba is Fèis Rois air co-fharpais gus daoine a mhisneachadh a bhith a’ ceangal ri nàdar tro cheòl.

Chaidh iarraidh air tagraichean16 bliadhna dh’aois is còrr mìr ciùil a dhèanamh bonntaichte air fear de na 10 Tèarmainn Nàdair Nàiseanta air feadh na h-Alba.

An toiseach cha robh san amharc againn ach aon mhìr ciùil a thaghadh a bhuannaicheadh airson gach fear de na 10 tèarmainn nàdair. Ach fhuair sinn 148 tagraidhean, rud a bha do-chreidsinn, agus mu dheireadh thagh na britheamhan, Julie Fowlis, Vic Galloway, Gill Maxwell agus Karine Polwart 12 mìr ciùil a bhuannaich.

Bha na tagraidhean aig ìre cho àrd ‘s gun do thagh sinn dà mhìr chiùil a bhuannaich airson Tèarmainn Nàdair Rum is Thaighnis le chèile aig a’ cheann thall. Fhuair an 12 a choisinn, 11 aon neach agus 1 dithis, duais airgid luach £500 an urra agus, nuair a chaidh bacaidhean Cobhad-19 a thogail gu ìre, bha an cothrom aca tadhal air an tèarmainn nàdair a b’ adhbhar brosnachaidh don cheòl aca còmhla ris an fhilmeadair, Graeme Roger aig Wildbird.

Tha sinn air bhiod na fuinn bhrèagha seo agus na fiolmaichean nan cois a sgaoileadh thugaibh air sianal Fèis Rois air YouTube.

B’ iad an 12 luchd-ciùil a bhuannaich:

Marie Fielding

Beinn Eighe

Rugadh Marie Fielding ann an Dùn Èideann, is choisinn i duaisean fìdhlearachd is ciùil an dèidh dhi bhith air a cuairteachadh le ceòl dualchasach bho aois òg. Bidh Marie a’ cluiche, a’ cumail taic ri dannsadh is tha i air grunn chlàraidhean a dhèanamh, is tha i cuideachd na neach-teagaisg ann am Fìdhlearachd is Cluich ann an Conservatoire Rìoghail na h-Alba. Is toigh leatha a bhith air a’ bhlàr a-muigh, is tha i na neach-ealain dhealasach, gu tric a’ peantadh Dreachan-tìre Albannach ann an nòs eas-chruthach.

Lucie Treacher

Carlabharaig

Tha Lucie Treacher na neach-ealain a nì fuaim tro fhiosrachadh eadar-gnìomhach, digiteach is dràmatach, eas-chruthach is cruthach. Tha feartan a h-obrach aithnichte le fuaimean annasach toinnte a dh’fhigheas i ri chèile sna cruthachaidhean eadar-chuspaireach aice. Rugadh i ann an Dùn Phris agus dh’fhàs i suas ann an Glaschu agus mu thuath.

Teàrlach MacIlleGhlais

Creag Mèagaidh

‘S e fìdhlear a tha ann an Teàrlach MacIlleGhlais às a’ Ghleann Mhòr. Tha e air cluich air feadh an t-saoghail agus air 6 clàir stiùidio a chlàradh gu ruige seo. Tha am meas aig Teàrlach air dreach na tìre, cultar is ceòl Gàidhealach air buaidh mhòr a thoirt air an dòigh chluiche aige. Aig aois 14 thugadh àite do Theàrlach ann an Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd air a’ Phloc agus tha e air a bhith ag ionnsachadh bho chuid de na fìdhlearan as ainmeile ann an Alba is an Èirinn leithid Theàrlaich MhicCearain, Caoimhín Uí Raghailligh agus Dhonnchaidh Shiosalaich.  

Seumas Liondsaidh

Forbhaidh

Tha Seumas Liondsaidh na fhear-ciùil, a’ dèanamh is a’ teagasg ceòl is e stèidhichte ann an Glaschu, Alba. Bidh e a’ cluich a’ bheus còmhla ris a’ chòmhlan chliùiteach nuadh-dhualchasach Breabach agus tha fèill mhòr air mar neach-ciùil seisein ann an ceòl seann nòs is jazz. Nochd a’ chiad chlàr aige Strand ann an 2017, clàr fhuair moladh mòr.

Catrìona Price

Eilean Mhàigh

Tha Catriona Price na banfhìdhlear a chruthaicheas ceòl, is bha i na h-oileanach ann an Acadamaidh Rìoghail a’ Chiùil agus ann an Colaiste a’ Chiùil Rìoghail mu Thuath, an dèidh dhi làithean a h-òige a chur seachad ann an seiseanan ciùil Arcach. Tha i na ball den chòmhlan dithist Twelfth Day agus den dual-chòmhlan Fara is bidh i a’ dol timcheall an t-saoghail còmhla ris an dà chòmhlan sin.

Beth Malcolm

Loch Lìobhann

Buinidh Beth Malcolm do Pheairt is tha i na bana-sheinneadair/òranaiche, na cluicheadair meur-chlàir agus na neach-teagaisg eachdraidh. Tha i air cluich gu tric san Star ann an Glaschu; air nochdadh aig Fèis Dual-chiùil Arcaibh agus The Carrying Stream agus bhuannaich i co-fharpais dèanamh òrain Club Dual-cheòl Dhùn Èideann san Fhaoilleach 2020. Choisinn Beth duais chliùiteach ‘Danny’ aig Celtic Connections.

Sarah NicNìll

Nos

Tha Sarah Nic Nìll na clàrsair, na cruthadair ceòl agus na ceumnaiche de Chonservatoire Rìoghail na h-Alba. Tha i ag obair làn-ùine na ceòladair agus is toigh leatha an dà chuid a bhith a’ cluich agus a’ dèanamh ceòl às ùr. Na bu tràithe am-bliadhna dh’fhoillsich Sarah EP de sia de na fuinn aice fhèin dham b’ ainm am ‘Bàgh a Tuath’ bonntaichte air Eilean Bharraigh. Bidh a mac-meanmna gu tric air a brosnachadh le àiteachan, dreach na tìre agus an nàdar timcheall oirnn.

Gu mì-fhortanach, air sàilleabh galar a’ Chòbhad-19, b’e Nos an aon tèarmann nàdair nach b’ urrainn dhuinn tadhal air ann an 2020. Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri Sarah a thoirt a Shealtainn as t-Earrach 2021 airson bhidio a chruthachadh a dhol còmhla ris a’ cheòl bhrèagha aice.

Iona Lane

Rùm (Co-bhuannaiche)

Ged nach fhada bho cheumnaich i bho Cholaiste Ceòl Leeds agus a bhuannaich i Duais Cluicheadair Òg aig Giotairean Taran, bidh Iona a’ gabhail òrain ealanta sa bheil tuigse thar a bliadhnaichean airson nan sgeulachdan a dh’innseas i. Air dhi a bhith air a beò-ghlacadh le sgeulachdan gun àireamh a fhuair i air feadh àiteachan dùthchail ann am Breatainn, far a bheil an àrainneachd nàdarrach, dreach na tìre, seo-sheasmhachd agus coimhearsnachd fuaighte ri caitheamh-beatha dhaoine, tha Iona air loinn a chur air na h-òrain a bhios i a’ dèanamh gus rud sònraichte a chruthachadh.

Ross Hull

Rùm (Co-bhuannaiche)

‘S e fìdhlear a tha ann an Ross Hull a tha a’ fuireach ann an Glaschu. An dèidh dha an siathamh bliadhna aige a chur seachad ann an Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd, lean e air a’ toirt a-mach ceum ann am BA Ceòl an Gnìomh bho Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean. Bho cheumnaich e tha Ross air a bhith ag obair air a cheann fhèin na fhear-ciùil.

Malin Lewis

Taighnis (Co-bhuannaiche)

Às an Eilean Sgitheanach, tha Malin na phìobaire, na fhìdhlear is bidh iad a’ dèanamh na pìoba bige, is tha iad an-dràsta na oileanach pìobaireachd ann an Conservatoire Rìoghail na h-Alba. ‘S iad an dà phròiseact aca Two Octaves agus Bogha-Frois – LGDT+ guthan ann an dual-cheòl. Bidh Malin a’ teagasg na pìoba bige ann an Ionad Nàiseanta na Pìobaireachd agus ann an Còmhlan a’ Chiùil Albannaich agus tha iad gus a’ chiad chruinneachadh de na fuinn ùr aca fhoillseachadh.

Roo Geadas agus Niall Sutcliffe

Taighnis (Co-bhuannaiche)

Choinnich Roo Geadas (Glaschu) agus Niall Sutcliffe (Sruighlea) ann an Conservatoire Òigridh na h-Alba ann an 2014. Dh’fhàs dlùth-chàirdeas eatorra agus thòisich iad air cluich còmhla, a’ rùrach san eachdraidh a bha aca le chèile ann an dual-cheòl, jazz agus ceòl clasaigeach. Bidh iad a’co-obrachadh gus ceòl ùr a dhèanamh, ag èirigh às a’ mheas a tha aca le chèile air nàdar, sgeulachdan agus coimhearsnachd.

Barney Bridges

Tentsmuir

‘S e fear-ciùil às a’ Bheilg a tha ann am Barney Bridges is tha e a’ fuireach ann an Glaschu. Thòisich a mhiadh air ceòl aig 10 bliadhna dh’aois nuair a thog e giotàr. Bhon uair sin chaidh a bheò-ghlacadh chun na h-ìre far am bi e a’ dèanamh liùtan is e a-nis a’ cruthachadh ionnsramaidean pearsanta air leth do dhaoine.