Cèilidh air Chuairt

Bha samhradh air leth math aig a’ Chèilidh air Chuairt againn ann an 2023 agus tha sinn air bhioran gus a dhèanamh a-rithist an ath-bhliadhna!

‘S e obair shamhraidh phàighte a tha anns a’ Chèilidh air Chuairt agus cothrom leasachaidh proifeiseanta do luchd-ciùil òga traidiseanta. Bidh sinn ag obair còmhla ri luchd-ciùil eadar 16 agus 25 a bhios a’ cur seachad an t-samhraidh a’ cluich ceòl, a’ siubhal timcheall Alba agus nas fhaide air falbh, agus a’ cur eòlas air a bhith a’ cluich ann am mòran seòrsaichean cuirmean-chiùil. 

Anns na bliadhnaichean roimhe, tha cothrom air a bhith aig luchd-ciùil nan Cèilidhean air Chuairt co-obrachadh le luchd-ciùil à Astràilia, Canada, Sasainn agus a’ Chuimrigh a bhios a’ tighinn còmhla rinn air iomlaid tron t-samhradh. Am bliadhna, tha sinn toilichte fàilte a chur air Chloe Mulhall bho Cambridge Folk Festival agus Caleb Anderson bhon Fhèis Cheilteach Nàiseanta ann an Astràilia a thighinn còmhla rinn air a’ Chèilidh air Chuairt. Gabhaidh com-pàirtichean pàirt ann an seachdain oideis mus tòisich iad, far an gabh iad pàirt ann am seiseanan-obrach mu fhuaim beò, sgilean cleasachd agus gairm dannsa. Oibrichidh iad ann am buidhnean gus measgachadh de phuirt is de dh’òrain a chur air dòigh. 

Ma tha ceistean sam bith agad mu Chèilidh air Chuairt no ma tha thu ag iarraidh faighneachd mu fheumalachd ruigsinneachd, feuch gun cuir thu fios gu Christian Gamauf aig christian.gamuaf@feisrois.org neo cuir fòn gu oifis Fèis Rois air 01349 862600. 

“Le bhith a’ dol air chuairt agus a’ coinneachadh ri luchd-ciùil bho dhiofar cheàrnaidhean de dh’Alba, dh’ionnsaich mi puirt ùra agus chuala mi diofar stoidhlichean a bhuin ris na sgìrean aca. Seach gun robh sinn a’ siubhal agus air chuairt, bha tòrr ùine againn dhuinn fhìn far an robh cothrom againn bruidhinn ri chèile mun eòlas a bh’ againn air gnìomhachas a’ chiùil agus air diofar sheòrsa chuirmean-ciùil agus a bhith a’ cluich do dhiofar sheòrsa luchd-èisteachd.”

Neach-ciùil bho 2017

Fiosrachadh mun Chèilidh air Chuairt aig Fèis Rois

Thòisich Fèis Rois am prògram soirbheachail againn le Cèilidh air Chuairt ann an Siorrachd Rois ann an 2000. Às dèidh mar a shoirbhich leis a’ Chèilidh air Chuairt ann an Siorrachd Rois, thòisich Fèis Rois Cèilidh Nàiseanta air Chuairt air feadh Alba ann an 2012. Tha am pròiseact seo air a dhol bho neart gu neart bhon uair sin, agus tha e a’ toirt chothroman do luchd-ciùil òga bho air feadh Alba a bhith a’ cluich ann an àiteachan fad is farsaing san dùthaich. 

Tha tòrr luchd-ciùil a ghabh pàirt sa Chèilidh air Chuairt aig Fèis Rois a-nis ag obair ann an gnìomhachas ciùil na h-Alba far a bheil iad air cliù nach beag a chosnadh dhaibh pèin. Nam measg tha Fraya Thomsen, Mairearad Green, Innes White agus Rachel Newton. 


21 Bliadhna de Chèilidh air Chuairt

Ann an 2020, b’ e seo an t-aonamh ceann-bliadhna air fhichead de Chèilidh air Chuairt. Ged nach gabhadh seo a chomharrachadh mar a bhiodh e air còrdadh ruinn le samhradh de chuirmean-ciùil, dh’fhoillsich Fèis Rois clàr dùbailte le ceòl bho chom-pàirtichean a bha air a bhith air na Cèilidhean air Chuairt.  Faodaidh tu an CD ùr òrdachadh aig: http://feisrois.bandcamp.com/album/21-years-of-the-f-is-rois-ceilidh-trail

Bha Fèis Rois air planadh airson samhradh sgoinneil de chuirmean is chèilidhean air feadh Alba, Sasainn, na Frainge agus Àstràilia airson an ceann-bliadhna aca a chomharrachadh. Ge-tà, air sàilleabh galar Cobhad-19, bha aig Fèis Rois ri seo a chur dheth. Ged nach robh luchd-ciùil air chuairt air feadh na dùthcha, bha e na thoileachas dhuinn cuirm-chiùil shònraichte air-loidhne a bhith againn air 15mh Lùnastal 2020 gus còrr air 150 neach-ciùil a bha air pàirt a ghabhail sa phrògram roimhe a thaisbeanadh.  

List of performers

Mairearad

Mairearad Green

Ceilidh Trail 2000-2003
Renowned for her deft and lyrical accordion style, as well as her dextrous piping, Mairearad is in great demand not only as a performer, but also as a composer.
Often seen on stage alongside multi-instrumentalist Anna Massie, composer, Mike Vass, piping supergroup, Tryst and singer-songwriter, King Creosote. 

http://www.mairearadgreen.co.uk/

Rachel Newton

Ceilidh Trail 2000-2003

Bidh an seinneadair is an clàrsair Rachel Newton a’ mìneachadh òrain is teacsaichean traidiseanta Beurla is Gàidhlig còmhla ris na sgrìobhaidhean aice fhèin. A thuilleadh air an obair aon-neach aice, tha Rachel na co-obraiche sgileil agus na ball stèidheachaidh de The Shee, The Furrow Collective agus The Lost Words: Spell Songs. Tha an còigeamh clàr aice a’ tighinn a-mach nas fhaide air a’ bhliadhna seo.  

www.rachelnewtonmusic.com/

Ali Levack

Bellows blown pipes / Whistle

BBC Radio Scotland’s Young Traditional Musician of the Year for 2020, Ali specialises in piping and whistles and has been immersed in Scottish traditional music since the age of nine when a family friend started teaching him the pipes. Ali spent 4 years at the National Centre of Excellence for Traditional Music in Plockton before attending the Royal Conservatoire of Scotland. Throughout all of this he maintained close links with the Fèis. He has recently released an album with his trio, Project Smok. 

Chloë Bryce

Ceilidh Trail 2015 – 2016

Thogadh Chloë Bryce air a’ Ghàidhealtachd is tha i air a comas ciùil traidiseanta a leasachadh tro bhith an lùib na Fèise. Lean i oirre le fìdheall agus òrain Ghàidhlig ann an Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd sa Phloc. Tha buaidh aig seann phuirt agus òrain mu chultar na Gàidhealtachd air a’ cheòl aice agus tha ùidh aice ann a bhith a’ cleachdadh a cruthachalachd fhèin. Tha i air fàs ainmeil mar chumadair-ciùil agus cluinnear mòran de na fuinn aice ann an seiseanan ann an Glaschu. Tha Chloë air a bhith air chuairt air feadh Bhreatainn a’ cluich aig tachartasan leithid Celtic Connections, Cambridge Folk Festival agus Sidmouth Folk Festival. Cuideachd, tha i air cluich gu h-eadar-nàiseanta aig Festival Interceltique de Lorient, Fèis Eadar-Nàiseanta  Celtic Colours agus the Fèis Nàiseanta Cheilteach Astràilia. 

Brìghde Chaimbeul

Ceilidh Trail 2015

An dèidh dhi BBC Radio Young Folk Award 2016 a chosnadh agus a bhith na neach-ainmichte ‘Up and Coming’ airson Duaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba 2017, tha Brìghde Chaimbeul, an neach-ciùil agus am pìobaire Sgitheanach, air cliù a chosnadh dhi fhèin. Tha Gàidhlig on ghlùin aig Brìghde agus tha iomadh rud a’ toirt buaidh air an stoidhle chiùil aice. Nam measg tha a cànan agus a cultar fhèin ach traidiseanan pìobaireachd à àiteachan mar Cheap Breatainn, taobh an ear na Roinn Eòrpa agus Èireann cuideachd.

www.brichaimbeul.com

Sally Simpson

Sally Simpson

Ceilidh Trail 2012

Air sgàth a’ ghràidh a tha aig Sally air ceòl dùthchasach, chaidh I do Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd sa Phloc, dh’ionnsaich Ceòl Dùthchasach Suaineach ann an Stockholm agus chluich i an fhìdheall ann an clàr-ciùil Sting ‘The Last Ship’. Aig a’ chiad Fhèis aice ann an Ulapul, thuig i gur e seo a bha i airson a dhèanamh. Bhon a ghabh i pàirt anns a’ Chèilidh air Chuairt ann an 2012, tha e air còrdadh rithe a bhith ag obair ann an diofar shuidheachaidhean airson na Fèise.  

www.sallysimpsonmusic.co.uk

Josie Duncan

Josie Duncan

Ceilidh Trail 2014

Tha an stoidhle a bhith a’dèanamh òrain ùr-nodha aig Josie Duncan air grèim fhaighinn air luchd-èisteachd air feadh an t-saoghail, bho fhèisean ann an Astràilia gu seilearan ann an Glaschu. Chluinnteadh na h-òrain aice air Radio 2 agus The Janice Forsyth Show. Chaidh a h-ainmeachadh mar chumadair-ciùil agus òranaiche airson obair nàiseanta a chaidh a leasachadh le Theatar Nàisanta na h-Alba. Bho fhuair i duais BBC Young Folk Award ann an 2017, tha Josie air a bhith air chuairt gun sgur air feadh an t-saoghail, is i a’nochdadh aig fèisean cliùiteach leithid Tønder agus Celtic Connections.  

www.josieduncanmusic.com

John Somerville

John Somerville

Ceilidh Trail 2000

‘S e Iain Somerville, à Obar Itheachain air Ghàidhealtachd, fear den luchd-ciùil as inntinniche ann an saoghal a’ chiùil Albannaich. Tha e air cliù a chosnadh airson a bhith a’ cumail dlùth-cheangal ris na freumhan traidiseanta aige agus aig an aon àm a’ toirt a-steach beachdan ùra don chluich-bhogsa aige. Tha John na chumadair-ciùil, na neach-rèiteachaidh agus na thidsear ainmeil, ag obair còmhla ri daoine fa leth agus buidhnean de gach aois. Tha e air a bhith ag obair le grunn chòmhlain agus chleasaichean a’ gabhail a-steach Treacherous Orchestra, Croft No. Five, Babelfish, Cask Strength Ceilidh Band agus Lori Watson.  

Kim Carnie

Kim Carnie

Ceilidh Trail 2013

Ann an 2017, thòisich cliù Kim na seinneadair aonair nuair a chaidh a’ chiad EP aice ‘In Her Company’ a leigeil ma sgaoil. Bhon uairsin, tha Carnie, leis an ‘velvet voiced authority (The Scotsman), air a bhith na neach-labhairt seisein cunbhalach agus tha i air nochdadh ann an Outlaw King aig Netflix (2018) agus ann an clàr-fuaim geama coimpiutar airson Black Mirror (2017). O chionn ghoirid, tha Kim air a dhol còmhla ris a’ chòmhlan Mànran, a tha air iomadh duais a chosnadh, mar phàirt den sgioba chunbhalach aca.  

www.kimcarnie.com

Conal McDonagh

Conal McDonagh

Ceilidh Trail 2011 – 2013

‘S e pìobaire à Poll Iùbh air Taobh Siar Rois a tha ann an Conal McDonagh. Tha buaidh air a bhith air ceòl Chonail bho àrach ann an Alba agus bho a dhualchas Èireannach. Bidh Conal a’ seinn na pìoba uilleann Èireannach a bharrachd air a’ phìob-mhòir agus pìob nan Crìochan, an fhìdeag agus an duiseal. Dh’ ionnsaich e ann an Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd is thug e a-mach Ceum sa Chiad Rang le Urram bho Chonservatoire Rìoghail na h-Alba. Tha Conal air cluich air feadh an t-saoghail le caochladh chòmhlain agus chuirmean. Bidh e fhathast ag obair còmhla ri luchd-ciùil ùr agus stèidhichte, nam measg Donnchadh Siosal, Cara Dillon agus The Paul McKenna Band. Bidh Conal a’ dèanamh ceòl agus a’ cluich còmhla ris a’ chòmhlan ùr, Inyal.  

Iona Fyfe

Iona Fyfe

Ceilidh Trail 2015

Tha Iona Fife, à Siorrachd Obar Dheathain, a-nis air tè de na bana-sheinneadairean as fhèarr de dh’òrain mhòra ann an Alba, is tha a guth freumhaichte ann an seinn dualchas Ear-thuath na h-Alba. Ann an 2018, b’ i Iona an tè a b’ òige riamh a choisinn duais ‘Scots Singer of the Year’ aig ‘MG Alba Scots Trad Music Awards’.  

www.ionafyfe.com

Laura Wilkie

Laura Wilkie

Ceilidh Trail 2008

Tha Laura Wilkie na fìdhlear à Baile Dhubhthaich. Tha stoidhle air leth aice a tha fo bhuaidh traidiseanan fìdhle na Gàidhealtachd agus caochladh ghnèithean eugsamhail. Tha Laura air a dhol air chuairt air feadh an t-saoghail ann an grunn bhuidhnean chòmhlain dual-cheòl an latha an-diugh. Nam measg bha Kinnaris Quintet, an sàr-chluicheadair giotàir Iain Carr, Ross Ainslie, Salsa Celtica, Niteworks agus na seinneadairean Albannach Claire Hastings agus Siobhan Miller. Mar bhall stèidheachaidh a’ chòmhlain-chiùil Fat Suit à Glaschu, tha seo a’ brosnachadh Laura gu bhith cluich le beagan obair-sgrìobhaidh ann an diofar stoidhlichean, a’ toirt cothrom dhi an stoidhle seo atharrachadh anns gach pròiseact. Tha na co-obrachaidhean aice a’ gabhail a-steach cleasachd, sgrìobhadh, rèiteachadh: Shooglenifty, Man of the Minch, Rachel Sermanni, The Elephant Sessions, Paul Towndrow’s Keywork Orchestra, Fatherson agus the GRIT Orchestra.  

Innes White

Innes White

Ceilidh Trail 2011 – 2012

Thogadh Innes White ann an Inbhir Pheofharain agus bha e an lùib ceòl traidiseanta bho aois òg. A bharrachd air Gàidhlig fhileanta, tha an t-eolas a tha aige air ceòl tro dhualchas làidir a theaghlaich agus gluasad na Fèise a’ toirt cothrom dha a sgilean a leasachadh agus adhartas a dhèanamh. Tha White air fear den luchd-ciùil ioma-ionnsramaid as comasaiche san dùthaich is tha e air còrr air 30 clàr a chlàradh. Tha e air a dhol air chuairt iomadh uair air feadh Bhreatainn is thall thairis a’ cluich a’ ghiotàir agus a’ mhandoilìn, is tha e air a bhith a’ cluich uaireannan air a’ phiàna, a’ bhouzouki agus air seinn cuideachd.  

www.inneswhite.com

To top