Lilian Ross is singing a song with actions to young pupils.

Pròiseact Thràth-bhliadhnaichean Shrath Glais

Thairis air 16 seachdainean, bha sia clasaichean (sgoil-àraich gu P2) ann an sgìre dhùthchail Shrath Glais ag obair còmhla ri Lilian Ros, sgeulaiche is seinneadair proifeiseanta ann an Albais, agus tha i cuideachd na neach-ciùil traidiseanta proifeiseanta.

Bha iad a’ toirt pròiseact tarraingeach gu buil airson diofar ghinealach, le sgeulachdan, ceòl agus ealain, agus chaidh cuirmean a chumail sa choimhearsnachd ionadail mar thoradh air a’ phròiseact.

Tro bhùithtean-obrach gnìomhach bha a’ chlann a’ dèanamh feum de dhiofar mheadhanan ealain gus sùil a thoirt air cuspairean co-cheangailte ris an àrainneachd, cultar agus dualchas sa choimhearsnachd aca fhèin.

Chaidh iarraidh air daoine bhon choimhearsnachd, gu h-àraidh daoine nas sine, innse do na daoine òga mu bheul-aithris na sgìre agus mu na chaidh iad fhèin troimhe nam beatha agus chaidh feum a dhèanamh de den eòlas is co-obrachadh seo eadar na ginealaich air feadh a’ phròiseict. Tha sinn cuideachd air iarraidh air pàrantan agus daoine bhon choimhearsnachd ionadail na sgilean aca a chleachdadh gus ar cuideachadh agus chaidh iarraidh orra a dhol an sàs sa phròiseact.

Chaidh am pròiseact a thoirt gu buil ri linn taic-airgid fhialaidh bho Shoirbheas agus Tasgadh agus bho na sgoiltean a tha a’ gabhail pàirt ann.

To top