Caithream na Cruinne

A bheil thusa aois na h-àrd-sgoile? A bheil dragh ort mu chruaidh-chàs na h-aimsir? Is dòcha gur e sgrìobhadair no ceòladair dealasach a tha annad? Leugh air adhart ma thà!

‘S e co-obrachadh a tha sa phròiseact ùr seo eadar Fèis Rois agus Nàdar Alba. Tha sinn a’ toirt cuireadh do cheathrar òganach òran ùr Gàidhlig a dhèanamh an urra ag èirigh à cuspairean na h-àrainneachd san latha a tha ann no às an nàdar timcheall ort. Dh’fhaodadh na h-òrain a bhith a’ moladh no a’ misneachadh, no faodaidh tu taghadh d’ aire a chur air dùbhlain is gnothaichean na h-èiginn.

Airson do chuideachadh ann a bhith a’ dèanamh d’ òrain, gheibh thu 10 uairean a thìde de dh’oideas phearsanta bho aon de dhithis luchd-ciùil chliùiteach a tha ag obair còmhla ruinn air a’ phròiseact seo – Màiri Anna NicUalraig agus Eòghann MacEanraig. Gheibh thu an cothrom d’ òran a chlàradh gu proifeiseanta cuideachd.

Cuir a-staigh a-nis!

Airson cur mu dheidhinn fear de na ceithir àiteachan air a’ phròiseact, cuir post-d. gu fiona.dalgetty@feisrois.org ro 5f Diluain 23 Samhain le geàrr-chunntas air carson a bu toigh leat a bhith air do mheasadh airson a’ phròiseict seo. Feuch gun innis thu dhuinn ainm na sgoile agad agus dè a’ bhliadhna air a bheil thu.

Cinn-latha:

Diluain 23 den t-Samhain
Ceann-latha iarrtasan

Dihaoine 27 den t-Samhain
Gheibh gach tagraiche fios co-dhiù tha àite aca air a’ phròiseict gus nach eil

Seachdain a’ tòiseachadh 30 den t-Samhain
A’ chiad choinneamh air loidhne leis na ceathrar a’ gabhail pàirt sa phròiseact agus an dithis oidean

An Dùbhlachd 2020 gu an Gearran 2021
Seiseanan oideis air leth a’ tachairt aig àmannan air an aontachadh eadar gach compàirtiche agus an t-oide aige/aice

An Gearran 2021 (feadh làithean-saora na sgoile)
Clàraidh gach compàirtiche an t-òran dèante aca

To top