Carson nach tig sibh chun na buidhne càirdeil is neo-fhoirmeil againn de luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig – far am bi fileantaich ann cuideachd uaireannan – a bhios a’ coinneachadh uair sa chola-deug sa chumantas airson a’ mhòr-chuid den bhliadhna ach làithean-saora samhraidh na sgoile.
Bidh iad a’ coinneachadh san oifis againn (16-17 An t-Sràid Àrd, Inbhir Pheofharain) air an Diluain eadar 5.15-6.45f.
Bidh seiseanan còmhraidh ann agus tachartasan le barrachd structair leithid a bhith a’ leughadh sgeulachd ghoirid sa Ghàidhlig còmhla, a’ cluich gèam no ’s dòcha gun toir daoine leotha rudeigin beag a tha iad air a sgrìobhadh. Bidh a’ bhuidheann a’ feuchainn gun a bhith a’ togail fhaclan bhon fhaclair fad an t-siubhail, agus cha bhi iad mar as trice a’ ceartachadh càch a chèile, ach bidh còmhraidhean math dha-rìribh aca gu tric mu dheidhinn gràmair!
Tha fàilte mhòr daonnan air buill ùra agus seach gu bheil sinne a’ toirt taic dhan chearcall, chan eil e a’ cosg dad airson a dhol ann. Cuirear fàilte air duine sam bith a thig le grèim beag airson ithe! Gheibhear am fiosrachadh as ùire bho duilleag Facebook a’ chearcaill. Tha sinn an dòchas gum faic sinn sibh aig an ath choinneimh!