Fiddle-player Catriona Ramsay leads a slow tunes session in Dingwall with mixed instruments.

Clasaichean Seachdaineach

  • Clear Form
Chaidh 35 a lorg

Baile Eòghainn - Diardaoin, 16:30 - 17:15
Clann | Bun-mheadhan-ìre/Meadhan-ìre
Alanais - Diardaoin, 16:30 - 17:15
Clann | Luchd-tòiseachaidh
Alanais - Diardaoin, 17:15 - 18:00
Clann | Àrd-mheadhan-ìre /Adhartach
Alanais - Diardaoin, 16:30 - 17:15
Clann | Luchd-tòiseachaidh
Baile Eòghainn - Diardaoin, 18:15 - 19:00
Clann | Bun-mheadhan-ìre/Meadhan-ìre
Baile Eòghainn - Diardaoin, 17:15 - 18:00
Clann | Àrd-mheadhan-ìre /Adhartach
Baile Eòghainn - Diardaoin, 16:30 - 17:15
Clann | Fìor Luchd-tòiseachaidh
Baile Eòghainn - Diardaoin, 18:00 - 19:00
Clann | Àrd-mheadhan-ìre /Adhartach
Baile Eòghainn - Diardaoin, 17:15 - 18:00
Clann | Bun-mheadhan-ìre/Meadhan-ìre
Baile Eòghainn - Diardaoin, 17:15 - 18:00
Clann | Bun-mheadhan-ìre/Meadhan-ìre
Baile Eòghainn - Diardaoin, 16:30 - 17:15
Clann | Luchd-tòiseachaidh
Baile Eòghainn - Diardaoin, 15:45 - 16:30
Clann | Fìor Luchd-tòiseachaidh
Baile Eòghainn - Diardaoin, 17:15 - 18:00
Clann | Àrd-mheadhan-ìre /Adhartach
Baile Eòghainn - Diardaoin, 16:30 - 17:15
Clann | Luchd-tòiseachaidh
Baile Eòghainn - Diardaoin, 15:45 - 16:30
Clann | Fìor Luchd-tòiseachaidh
Cananaich - Dimàirt, 18:00 - 18:45
Clann | Bun-mheadhan-ìre/Meadhan-ìre, Àrd-mheadhan-ìre /Adhartach
Cananaich - Dimàirt, 16:30 - 17:15
Clann | Luchd-tòiseachaidh
Cananaich - Dimàirt, 17:15 - 18:00
Clann | Àrd-mheadhan-ìre /Adhartach
Cananaich - Dimàirt, 16:30 - 17:15
Clann | Fìor Luchd-tòiseachaidh
Cananaich - Dimàirt, 17:15 - 18:00
Clann | Luchd-tòiseachaidh, Bun-mheadhan-ìre/Meadhan-ìre
Cananaich - Dimàirt, 18:00 - 18:45
Clann | Bun-mheadhan-ìre/Meadhan-ìre
Cananaich - Dimàirt, 16:30 - 17:15
Clann | Fìor Luchd-tòiseachaidh
Am Blàr Dubh - Diluain, 16:30 - 17:15
Clann | Luchd-tòiseachaidh
Ulapuil - Diluain, 16:30 - 17:15
Clann | Luchd-tòiseachaidh
Ulapuil - Diluain, 17:15 - 18:00
Clann | Bun-mheadhan-ìre/Meadhan-ìre
Ulapuil - Diluain, 15:45 - 16:30
Clann | Fìor Luchd-tòiseachaidh
Ullapool - Monday, 16:30 - 17:15
Children | Lower Intermediate/Intermediate, Upper Intermediate/Advanced
Inbhir Pheofharain - Dihaoine, 10:00 - 11:30
Inbhich | Luchd-tòiseachaidh, Bun-mheadhan-ìre/Meadhan-ìre
Inbhir Pheofharain - Diardaoin, 20:00 - 21:00
Inbhich | Bun-mheadhan-ìre/Meadhan-ìre, Àrd-mheadhan-ìre /Adhartach
Inbhir Pheofharain - Diardaoin, 19:00 - 20:00
Inbhich | Luchd-tòiseachaidh
Baile Eòghainn - Diardaoin, 15:45 - 16:30
Inbhich | Fìor Luchd-tòiseachaidh
Inbhir Pheofharain - Diciadain, 20:00 - 22:00
Inbhich | Àrd-mheadhan-ìre /Adhartach
Inbhir Pheofharain - Diciadain, 19:00 - 20:00
Inbhich | Bun-mheadhan-ìre/Meadhan-ìre, Àrd-mheadhan-ìre /Adhartach
Cananaich - Dimàirt, 17:15 - 18:15
Inbhich | Luchd-tòiseachaidh, Bun-mheadhan-ìre/Meadhan-ìre
Ulapuil - Diluain, 17:15 - 18:00
Inbhich | Fìor Luchd-tòiseachaidh, Luchd-tòiseachaidh
Duilleag 1 à 1

Tha sinn airson gum bi am fiosrachadh uile a tha dhìth oirbh agaibh mus tòisich am pàiste agaibh a’ dol gu clas aig Fèis Rois. Mura faigh sibh am fiosrachadh a tha sibh a’ sireadh gu h-ìosal, feuch gun cuir sibh fios gu Co-òrdanaiche nan Clasaichean Coimhearsnachd.

’S e aon de na prìomh amasan a th’ againn le prògram nan clasaichean seachdaineach aig Fèis Rois, taic a thoirt do dh’òigridh gus am bi barrachd misneachd is sgilean aca a bhios nan cuideachadh dhaibh nuair a chluicheas iad sa choimhearsnachd.

Bidh sinn a’ cumail chèilidhean sna coimhearsnachdan ionadail aig deireadh teirm an Ògmhios far am faod càirdean is caraidean a thighinn a dh’èisteachd ris a’ cheòl aig muinntir nan clasaichean. Gu tric, bidh cothroman eile airson cluich, aig tachartasan sa choimhearsnachd gus airgead a thogail no aig tachartasan teaghlaich.

Dè na chosgas e airson nan clasaichean?

Airson na bliadhna air fad ann an 2017-2018 tha e a’ cosg £210 agus faodar sin uile a phàigheadh aig an aon àm air-loidhne/no le seic, no faodar a phàigheadh le òrdan-banca le bhith a’ pàigheadh £21 gach mìos airson 10 mìosan – An Lùnastal chun a’ Chèitein.

Dà chlas: le seo dh’fhaodadh gum bi aon phàiste a’ dol gu dà chlas, no gum bi dithis chloinne bhon aon teaghlach a’ dol gu clas an duine. Gheibh sibh lasachadh de £28 – sin £392 airson na bliadhna, no faodar a phàigheadh le òrdan-banca le bhith a’ pàigheadh £39.20 gach mìos airson 10 mìosan

Trì clasaichean: le seo dh’fhaodadh gum bi aon phàiste a’ dol gu trì clasaichean, no gum bi dithis no triùir chloinne bhon aon teaghlach a’ dol gu diofar chlasaichean. Gheibh sibh lasachadh de £56 – sin £574 airson na bliadhna, no faodar a phàigheadh le òrdan-banca le bhith a’ pàigheadh £57.40 gach mìos airson 10 mìosan

Ceithir clasaichean: le seo dh’fhaodadh gum bi aon phàiste a’ dol gu ceithir clasaichean, no gum bi grunn chloinne bhon aon teaghlach a’ dol gu diofar chlasaichean. Gheibh sibh lasachadh de £84 – sin £756 airson na bliadhna, no faodar a phàigheadh le òrdan-banca le bhith a’ pàigheadh £75.60 gach mìos airson 10 mìosan

Faodaidh Fèis Rois taic ionmhasail a thoirt do theaghlaichean nach eil a’ cosnadh mòran. Faodaidh sibh fios a chur gu Co-òrdanaiche nan Clasaichean Coimhearsnachd gus bruidhinn mu dheidhinn gu dìomhair.

Am faod mo phàiste dìreach nochdadh aig a’ chlas gun innse dhuibh?

Chan fhaod. Feumaidh sibh pàigheadh ro-làimh airson chlasaichean agus tha e cudromach gum bi am fiosrachadh conaltraidh agaibh againn air eagal ’s gum bi suidheachadh-èiginn ann agus gum bi am fiosrachadh againn mu fheuman sònraichte no feuman a bharrachd a th’ aig ur pàiste mus tòisich iad a’ dol gu clas. Mura h-eil am fiosrachadh sin againn, chan urrainn dhuinn ur pàiste a ghabhail sa chlas.

Chan eil ionnsramaid agam, a bheil sin gu diofar?

Chan eil e gu diofar, faodaidh sibh pàigheadh airson tè fhaighinn air iasad. Tha stòras ionnsramaidean aig Fèis Rois le mu 100 ionnsramaid againn.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu ionnsramaidean air mhàl an seo.

Co-dhiù a tha sibh dìreach a’ tòiseachadh no ag iarraidh gleus a chur air na sgilean a th’ agaibh a-cheana, tha luchd-ciùil againn dha bheil spèis aig daoine a bheir taic dhuibh ann an clasaichean càirdeil is spòrsail. Tha fàilte air a h-uile duine sna clasaichean againn agus mura faigh sibh rudeigin a tha freagarrach dhuibh, cuiribh fios thugainn agus nì sinn ar dìcheall gus ur cuideachadh.

Tha seiseanan againn cuideachd, nam b’ fheàrr leibh a bhith a’ cluich phort an àite a bhith ag ionnsachadh ann clas far a bheil barrachd structair. A bharrachd air na clasaichean, dh’fhaodadh gum bi cothroman ann dhuibh air feadh na bliadhna airson cluich agus bidh sinn a’ cumail tachartas sòisealta aig an Nollaig airson a h-uile duine a tha a’ dol gu na clasaichean.

Dè na chosgas e airson nan clasaichean?

2017-2018
1 chlas: £240 airson na bliadhna, no faodar a phàigheadh le òrdan-banca le bhith a’ pàigheadh £24 gach mìos airson 10 mìosan.
2 chlas: £448 airson na bliadhna, no faodar a phàigheadh le òrdan-banca le bhith a’ pàigheadh £44.80 gach mìos airson 10 mìosan.
3 clasaichean: £574 airson na bliadhna, no faodar a phàigheadh le òrdan-banca le bhith a’ pàigheadh £57.40 gach mìos airson 10 mìosan.

Am faod mi dìreach nochdadh aig a’ chlas gun innse dhuibh?

Chan fhaod. Feumaidh sibh pàigheadh ro-làimh airson chlasaichean agus tha e cudromach gum bi am fiosrachadh agaibh againn mus tòisich sibh a’ dol gu clas. Mura h-eil am fiosrachadh sin againn, chan urrainn dhuinn ur gabhail sa chlas.

Chan eil ionnsramaid agam, a bheil sin gu diofar?
Chan eil e gu diofar, faodaidh sibh pàigheadh airson tè fhaighinn air iasad. Tha stòras ionnsramaidean aig Fèis Rois le mu 100 ionnsramaid againn.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu ionnsramaidean air mhàl an seo.

Cinn-latha nan Teirmichean airson 2017-2018

  • · Teirm 1: An t-seachdain a’ tòiseachadh air 21 Lùnastal gus an t-seachdain a’ crìochnachadh air 6 Dàmhair (6 seachdainean). Chan eil clasaichean ann air an t-seachdain a’ tòiseachadh air 18 Sultain.
  • · Teirm 2: An t-seachdain a’ tòiseachadh air 23 Dàmhair gus an t-seachdain a’ crìochnachadh air 1 Dùbhlachd (6 seachdainean).
  • · Teirm 3: An t-seachdain a’ tòiseachadh air 8 Faoilleach gus an t-seachdain a’ crìochnachadh air 23 Màrt (10 seachdainean). Chan eil clasaichean ann air an t-seachdain a’ tòiseachadh air 19 Gearran.
  • · Teirm 4: An t-seachdain a’ tòiseachadh air 16 Giblean gus an t-seachdain a’ crìochnachadh air 22 Ògmhios (8 seachdainean). Chan eil clasaichean ann air na seachdainean a’ tòiseachadh air 7 Cèitean no air 4 Ògmhios.
  • Ìre 1: Fìor Luchd-tòiseachaidh – bidh an ionnsramaid seo gu tur ùr dhuibh.
  • Ìre 2: ILuchd-tòiseachaidh a tha a’ dèanamh adhartas – bidh sibh air a bhith a’ cluich airson 6 – 12 mìos agus bidh tuigse bhunaiteach agaibh air dòighean-cluiche agus bidh sibh air port no dhà ionnsachadh.
  • Ìre 3: Bun-mheadhan-ìre/Meadhan-ìre – bidh sibh air a bhith a’ cluich airson 1 – 2 bhliadhna agus bidh sibh eòlach air deagh chuid de phuirt, òrain, dhannsaichean no cheumannan dannsa.
  • Ìre 4: Àrd-mheadhan-ìre /Adhartach – bidh sibh air a bhith a’ cluich airson co-dhiù 2 bhliadhna agus bidh comasan matha agaibh leis an ionnsramaid agaibh. Bidh sibh eòlach air diofar sheòrsaichean phuirt, dhannsaichean, òrain no cheumannan. Bidh sibh air tòiseachadh air puingean-maise a chleachdadh.