An Fhidheall còmhla ri Anna Wood

Bun-sgoil Ulapuil, Ulapuil
Diluain, 17:15 - 18:00
Inbhich | Fìor Luchd-tòiseachaidh, Luchd-tòiseachaidh

Tha an clas seo airson daoine a tha dìreach a’ tòiseachadh air an fhidhill. Ma tha beagan eòlais agaibh mu thràth, tha sibh làn di-beathte tighinn chun a’ chlas cuideachd. Sa chlas seo bidh sibh ag obair air sgilean bunaiteach agus ionnsaichidh sibh diofar phort còmhla ris an oide, Anna Wood. ’S ann le bhith ag èisteachd as motha a dh’ionnsaicheas sibh na puirt, ach gheibh sibh duilleagan-ciùil airson a dhol thairis air na puirt aig an taigh. Ma tha sibh feumach air fidheall air mhàl, tadhlaibh air an duilleig againn, ionnsramaidean air mhàl.

Clàiraich an-dràsta