A’ Chlàrsach còmhla ri Uilleam Mac an Tàilleir

Bun-sgoil Chill Tighearn, Baile Eòghainn
Diardaoin, 17:15 - 18:00
Clann | Àrd-mheadhan-ìre /Adhartach

Tha an clas seo airson daoine òga a tha air a bhith a’ cluich na clàrsaich airson beagan bhliadhnaichean. Ionnsaichidh Uilleam Mac an Tàilleir puirt ùra dhuibh agus bidh sibh ag obair air rèiteachaidhean-ciùil. ’S ann le bhith ag èisteachd as motha a dh’ionnsaicheas sibh na puirt, ach gheibh sibh duilleagan-ciùil airson a dhol thairis air na puirt aig an taigh. Ma tha duine feumach air clàrsach air mhàl, faodaidh iad tadhal air an duilleig againn, ionnsramaidean air mhàl.

Clàiraich an-dràsta