A’ Chlàrsach còmhla ri Uilleam Mac an Tàilleir

Bun-sgoil Chill Tighearn, Baile Eòghainn
Diardaoin, 17:15 - 18:00
Clann | Bun-mheadhan-ìre/Meadhan-ìre

Tha an clas seo airson daoine òga a tha air beagan phort agus sgilean ionnsachadh thairis air beagan bhliadhnaichean. Ionnsaichidh Uilleam Mac an Tàilleir sgilean ùra dhuibh agus puirt ùra mean air mhean. Gheibhear duilleagan-ciùil airson a dhol thairis air na puirt aig an taigh. Ma tha duine feumach air clàrsach air mhàl, faodaidh iad tadhal air an duilleig againn, ionnsramaidean air mhàl.

Clàiraich an-dràsta