An Fhidheall còmhla ri Gillian Stevenson

Acadamaidh na Cananaich, Cananaich
Dimàirt, 18:00 - 18:45
Clann | Bun-mheadhan-ìre/Meadhan-ìre

Tha an clas seo airson daoine òga a tha air a bhith a’ cluich na fìdhle airson beagan bhliadhnaichean. Ionnsaichidh Gillian Stevenson puirt ùra dhuibh agus bidh sibh ag obair air rèiteachaidhean-ciùil agus co-sheirmean ciùil. ’S ann le bhith ag èisteachd as motha a dh’ionnsaicheas sibh na puirt, ach gheibh sibh duilleagan-ciùil airson a dhol thairis air na puirt aig an taigh. Ma tha duine feumach air fidheall air mhàl, faodaidh iad tadhal air an duilleig againn, ionnsramaidean air mhàl.

Clàiraich an-dràsta