An Fhidheall còmhla ri Louise Dhùghlas

Bun-sgoil Chill Tighearn, Baile Eòghainn
Diardaoin, 15:45 - 16:30
Clann | Fìor Luchd-tòiseachaidh

Tha an clas seo airson clann a tha dìreach a’ tòiseachadh air an fhidhill. Bidh Louise Dhùghlas ag ionnsachadh sgilean bunaiteach dhuibh agus ionnsaichidh sibh na ciad phuirt agaibh. ’S ann le bhith ag èisteachd as motha a dh’ionnsaicheas sibh na puirt, ach gheibh sibh duilleagan-ciùil airson a dhol thairis air na puirt aig an taigh. Ma tha duine feumach air fidheall air mhàl, faodaidh iad tadhal air an duilleig againn, ionnsramaidean air mhàl.

Clàiraich an-dràsta