A’ Chlàrsach còmhla ri Uilleam Mac an Tàilleir

Acadamaidh na Cananaich, Cananaich
Dimàirt, 17:15 - 18:15
Inbhich | Bun-mheadhan-ìre/Meadhan-ìre

Tha an clas seo airson cluicheadairean clàrsaich aig a bheil beagan eòlais mu thràth. Bidh sibh a’ togail air ur sgilean, dòighean-cluiche agus a’ cur eòlas air puirt ùra. ’S e buidheann fìor chàirdeil a tha seo, agus tha sinn a’ cur fàilte air a h-uile clàrsair bhon sgìre ionadail. Ionnsaichidh sibh puirt agus rèiteachaidhean-ciùil bhon chlàrsair sgoinneil, Uilleam Mac an Tàilleir. Ma tha clàrsach a dhìth oirbh, tadhlaibh air an duilleig againn, ionnsramaidean air mhàl.

Clàiraich an-dràsta