Fèis Time

‘S e pròiseact fiolm a bh’ ann am Fèis Time, a chaidh a stiùireadh le luchd-ealain a bha ag obair air an ceann fhèin airson ‘s gum faigheadh clann na bun-sgoile òrain Ghàidhlig, òrain Albais, cur-seachadan ciùil agus sgeulachdan thraidiseanta aig àm a’ ghlasaidh.

Chaidh na fiolmaichean a dhèanamh leis ar sgioba de dh’oidean Iomairt Ciùil Òigridh airson a bhith a’ roinn goireasan le òigridh. Le corr is 100 bhideo, tha rudeigin don a h-uile duine leithid òrain Ghàidhlig is Albais, cur-seachadain ealain, sgeulachdan, leasannan air an fhìdeag agus geamannan Ghàidhlig. Tha na fiolmaichean ri fhaicinn an seo agus an cois cuid de na bhideothan, tha fiosrachadh air gnìomhan as urrainnear a dhèanamh leis a’ chur-seachad.Seallaibh air a’ bhideo fon a seo airson blasad de Fèis Time; bithibh cruthachail, cur oirbh ur brògan dannsaidh agus seinn cuide rinn!

To top