Dagger Gordon and his guitar class posing for a group photo.

Thoiribh Taic Dhuinn

Tha Fèis Rois na buidheann-charthannais chlàraichte (SC017647). Ged a tha sinn gu mòr an comain na taice a gheibh sinn bho ar luchd-maoineachaidh is luchd-compàirt, tha sinn daonnan a’ sireadh airgead a bharrachd gus dèanamh cinnteach gun tèid ar clasaichean is tachartasan a thabhann aig prìs reusanta as urrainn dhan a h-uile duine a phàigheadh.

Le bhith a’ toirt taic dhuinn, cuidichidh sibh sinn gus a bhith a’ tabhann phrìsean nas saoire airson ar clasaichean is tachartasan agus thèid againn air prìs nan tiogaidean againn a chumail aig prìs nas saoire, feuch am bi cothrom aig uiread as urrainn de dhaoine air ceòl.

Le ur taic, cumaidh sinn oirnn:

  • A’ toirt chothroman ionnsachaidh is chothroman cluiche fìor mhath do dhaoine sna h-ealain dhualchasach agus a thaobh cultar na Gàidhlig;
  • A’ brosnachadh is a’ neartachadh choimhearsnachdan is daoine de gach aois agus bho gach cultar is cinneadh feuch an tèid aca air gach nì a tha nan comas a choileanadh a thoirt gu buil;
  • A’ toirt cothrom do gach neach a ghabhas pàirt ann am Fèis Rois a bhith nan neach-ionnsachaidh soirbheachail, nan neach misneachail, nan saoranach cunntachail agus nan com-pàirtiche èifeachdach;
  • Ag iomairt gus dèanamh cinnteach gum faigh uiread ’s as urrainn de dhaoine cothrom a dhol an sàs sna h-ealain dhualchasach;
  • A’ toirt chothroman do luchd-ciùil, luchd-ealain traidiseanta agus daoine cruthachail air slighean dreuchdail sa bheil ceumannan soilleir a dh’fhaodas iad a ghabhail gus adhartas a dhèanamh nam beatha phroifeiseanta;
  • A’ stèidheachadh àrainneachd obrach shàbhailte is thèarainte a rèir nam modhan-obrach as fheàrr;
  • A’ dèanamh cinnteach gu bheil a’ bhuidheann fhathast comasach air ar n-amasan a choileanadh fhad ’s a tha an saoghal sa bheil sinn ag obair ag atharrachadh;
  • A’ cur ealain dhualchasach shònraichte na h-Alba air adhart gu h-eadar-nàiseanta agus sinn a’ togail cheanglaichean cultarach air feadh an t-saoghail.

Fàgaibh Dìleab

Bho 1986, tha Fèis Rois air daoine a bhrosnachadh gu bhith a’ gabhail pàirt agus tlachd sna h-ealain dhualchasach agus gu bhith a’ cleachdadh agus a’ cur eòlas air a’ Ghàidhlig tro phrògram farsaing de thachartasan. Gus cumail oirnn leis an obair sin, tha sinn an urra ri tabhartasan fialaidh bho dhaoine fa leth a bheir taic dhuinn.

Ma dh’fhàgas sibh dìleab sam bith againn, bidh e na chuideachadh mòr dhuinn agus bheir e taic dhan phrògram ionadail is eadar-nàiseanta againn às am faigh iomadh duine buannachd is toileachas san ùine ri thighinn. Ma chuimhnicheas sibh air Fèis Rois san tiomnadh agaibh, bidh sibh a’ cuideachadh gus dèanamh cinnteach gum bi ar prògram obrach fhathast na adhbhar toileachais agus smaoineachaidh don luchd-èisteachd fad iomadh bliadhna eile.

Ma tha sibh airson bruidhinn rinn mun dìleib agaibh gu dìomhair, faodaidh sibh fònadh chun an Àrd-oifigeir againn air 01349 862600.

Bu mhath leinn taing a thoirt do na daoine a tha air tabhartas fialaidh a ghealltainn dhuinn san tiomnadh aca. Tha na tha iad air a ghealltainn a’ ciallachadh gun urrainn dhuinn tuilleadh taice a thoirt dhan cheòl air a bheil iad cho measail san àm ri teachd. Cha bhi fios againn air tòrr dhiubh gus am faigh sinn an tabhartas fhèin. Tha cuid a dhaoine air innse dhuinn mu na tabhartasan aca ro-làimh, agus bu mhath leinn taing mhòr a thoirt dhaibh airson smaoineachadh oirnn.

To top