Cumhachan Cleachdaidh Làrach-lìn

Feuch gun leugh sibh na cumhachan is cùmhnantan seo gu faiceallach mus cleachd sibh an làrach-lìn seo.

Cumhachan Cleachdaidh
Tha na cumhachan cleachdaidh seo (còmhla ri sgrìobhainnean eile air a bheil iomradh sna cumhachan) ag innse dhuibh mar a bu chòir dhuibh an làrach-lìn againn feisrois.org (ar làrach-lìn) a chleachdadh, co-dhiù a tha sibh nur n-aoigh no nur neach-cleachdaidh clàraichte. Tha cleachdadh an làraich-lìn againn a’ gabhail a-steach a’ tadhal air, a’ brobhsadh, no a’ clàradh gus an làrach-lìn a chleachdadh.

Le bhith a’ cleachdadh an làraich, tha sibh a’ dearbhadh gu bheil sibh a’ gabhail ris na cumhachan cleachdaidh seo agus gu bheil sibh ag aontachadh cumail riutha. Mura h-eil sibh ag aontachadh ris na cumhachan cleachdaidh seo, chan fhaod sibh an làrach-lìn a chleachdadh.

Cumhachan buntainneach eile
Tha na cumhachan cleachdaidh seo cuideachd a’ toirt iomradh air na cumhachan a bharrachd seo, ris am feum sibh cumail nuair a chleachdas sibh an làrach-lìn againn:

  • Ar Poileasaidh Prìobhaideachd, , a tha a’ mìneachadh nan cumhachan ris am bi sinn a’ cumail nuair a chleachdas sinn dàta pearsanta a chruinnicheas sinn bhuaibh, no a bheir sibh dhuinn. Le bhith a’ cleachdadh an làraich againn, tha sibh a’ toirt cead dhuinn dàta a chleachdadh san dòigh sin agus tha sibh a’ dearbhadh gu bheil an dàta a bheir sibh dhuinn ceart.
  • Ar Poileasaidh Chriomagan, a tha a’ toirt fiosrachadh dhuibh mu na criomagan air an làrach-lìn againn.

IMa cheannaicheas sibh bathar bhon làrach-lìn againn, bithear a’ cumail ri ar Cumhachan is Cùmhnantan airson rudan a thèid a cheannach bhuainn.

Fiosrachadh Mar Deidhinn 
Tha feisrois.org na làrach-lìn air a ruith le Fèis Rois (“Sinn”). Tha sinn clàraichte ann an Alba mar chompanaidh earranta le barantas leis an àireimh chlàraichte SC123137 agus mar bhuidheann-charthannais (SC017647) le oifis chlàraichte aig 16-17 An t-Sràid Àrd, Inbhir Pheofharain, IV15 9RU.

Dh’fhaodadh gun atharraich sinn na cumhachan seo uair sam bith le bhith ag atharrachadh na duilleige seo.

Feuch gun toir sibh sùil air an duilleig seo bho àm gu àm gus atharraichean sam bith a nì sinn fhaicinn, oir feumaidh sibh cumail riutha.

Atharraichean air an làrach-lìn againn
Dh’fhaodadh gun dèan sinn ùrachadh air an làrach-lìn againn bho àm gu àm, agus dh’fhaodadh gun atharraich sinn an t-susbaint aig àm sam bith. Ge-tà, cuimhnichibh gum faodadh susbaint sam bith air an làrach-lìn againn a bhith feumach air a h-ùrachadh, agus chan eil dleastanas sam bith oirnn sin a dhèanamh.

Chan eil sinn a’ dol an urras nach bi mearachdan air an làrach-lìn againn, no san t-susbaint air an làrach, no nach bi fiosrachadh a dhìth. Ge-tà, nì sinn ar dìcheall gus an làrach-lìn a chumail cho ceart ’s a ghabhas agus gus dèanamh cinnteach gu bheil e air ùrachadh.

Cothrom air an làrach-lìn againn
Gheibh sibh cothrom air an làrach-lìn againn an-asgaidh.
Chan urrainn dhuinn gealltainn gum bi an làrach-lìn againn, no an t-susbaint air, daonnan ri fhaotainn no nach tèid an ceangal ris an làrach a bhristeadh airson ùine. Thathar a’ toirt cothrom do dhaoine air an làrach-lìn againn air stèidh shealach. Faodaidh sinn pàirt den làrach-lìn no an làrach air fad atharrachadh, a chur à gnìomh rè ùine, a thoirt air falbh, no cur às dha gun rabhadh sam bith. Cha bhi coire oirnn dha ur taobh ma thachras nach fhaigh sibh cothrom air an làrach-lìn air adhbhar sam bith aig àm sam bith agus airson ùine sam bith.

Tha e an urra ribh fhèin gach nì a chur air dòigh gus dèanamh cinnteach gun urrainn dhuibh cothrom fhaighinn air an làrach-lìn againn.

Tha e an urra ribh fhèin dèanamh cinnteach gu bheil fios aig gach neach a thadhlas air an làrach-lìn againn tron cheangal eadar-lìn agaibhse air na cumhachan cleachdaidh seo agus gach cumha is cùmhnant iomchaidh eile, agus gun cùm iad riutha.

An Cunntas is Facal-faire agaibh
Ma roghnaicheas sibh, no ma gheibh sibh, còd neach-cleachdaidh, facal-faire no fiosrachadh sam bith eile a tha na phàirt de ar modhan tèarainteachd, feumaidh sibh am fiosrachadh sin a chumail dìomhair. Chan fhaod sibh a thoirt do neach eile.

Tha a’ chòir againn air bacadh a chur air còd neach-cleachdaidh no facal-faire, co-dhiù a roghnaich sibh fhèin e no a chaidh a thoirt dhuibh, aig àm sam bith, ma tha sinn gu reusanta dhen bheachd nach do chùm sibh ri fear sam bith de na cumhachan cleachdaidh seo.

Ma tha fios agaibh, no ma tha sibh an amharas, gu bheil fios aig cuideigin eile air a’ chòd neach-cleachdaidh no facal-faire agaibh, feumaidh sibh innse dhuinn cho luath ’s as urrainn aig fios@feisrois.org

Còraichean air Seilbh Inntleachdail
’S ann leinne a tha, no tha sinne nar neach-ceada airson, na còraichean uile air seilbh inntleachdail an làraich-lìn againn, agus an t-seilbh inntleachdail san t-susbaint a thèid fhoillseachadh air. Tha an obair sin fo dhìon laghan is aontaidhean chòraichean air feadh an t-saoghail. Tha gach còir glèidhte.

Faodaidh sibh aon lethbhreac a chlò-bhualadh de na duilleagan air an làrach-lìn againn, no faodaidh sibh earrainnean dhiubh a luchdachadh a-nuas, airson adhbharan pearsanta agus faodaidh sibh aire dhaoine eile sa bhuidhinn agaibh a tharraing gu susbaint a chaidh a chur air an làrach-lìn againn.

Chan fhaod sibh na lethbhric phàipeir no dhidseatach den stuth a chlò-bhuail no a luchdaich sibh a-nuas atharrachadh ann an dòigh sam bith, agus chan fhaod sibh dealbhan, dealbhan-camara, pìosan fuaime no bhidio no susbaint ghrafaigeach sam bith a chleachdadh fa leth bhon teacsa a bha a’ tighinn còmhla riutha.

Feumaidh sibh daonnan aithne a thoirt dhuinn mar ùghdar na susbaint (no do neach sam bith a chaidh a chomharrachadh mar an t-ùghdar) nuair a chleachdas sibh susbaint bhon làrach-lìn againn.

Chan fhaod sibh susbaint bhon làrach-lìn againn a chleachdadh air adhbharan coimeirsealta gun cead fhaighinn bhuainn no bhon neach-cheada ro-làimh.

Ma chlò-bhuaileas sibh no ma nì sibh lethbhreac de phàirt sam bith den làrach-lìn againn no ma luchdaicheas sibh a-nuas e ann an dòigh a bhristeas na cumhachan cleachdaidh seo, thèid a’ chòir agaibh gus an làrach-lìn a chleachdadh a thoirt bhuaibh sa bhad, agus feumaidh sibh, a rèir na roghnaicheas sinne, na lethbhric den stuth a thilleadh no cur às dhaibh.

Chan e comhairle earbsach a th’ anns an fhiosrachadh
Tha am fiosrachadh air an làrach-lìn seo air a thoirt seachad mar fhiosrachadh coitcheann a-mhàin. Chan eilear ga thoirt seachad mar chomhairle sam bu chòir dhuibh earbsa a chur. Feumaidh sibh comhairle phroifeiseanta no spèisealta fhaotainn mus dèan sibh rudeigin, no mus roghnaich sibh gun rudeigin a dhèanamh, air sàillibh susbaint an làraich-lìn seo.

Ged a bhios sinn a’ dèanamh oidhirpean reusanta gus am fiosrachadh ùrachadh air an làrach-lìn, chan eil sinn ag ràdh, a’ gealltainn no a’ dol an urras, gu follaiseach no an lùib fiosrachaidh eile, gu bheil susbaint an làraich-lìn againn ceart, coileanta no air a h-ùrachadh.

Na h-uallaichean laghail a th’ againn
Chan eil dad sna cumhachan cleachdaidh seo a’ cur às do no a’ cur bacadh air na h-uallaichean laghail a th’ againn airson bàs no leòn a dh’èireas ri linn dearmad a nì sinne, no foill no mì-aithris fhoilleil a nì sinn, no uallach sam bith eile nach gabh a chur an dàrna taobh no a bhacadh fo lagh na h-Alba.

Cho fad ’s a cheadaicheas an lagh, cha ghabh sinn ri cùmhnantan, barantasan, aithrisean no cumhachan eile a dh’fhaodadh buntainn ri ar làrach-lìn no an t-susbaint a th’ air, co-dhiù a tha iad sin follaiseach no air an ciallachadh an lùib an fhiosrachaidh.

Cha ghabh sinn ri coire airson call no milleadh a dh’èireas do neach-cleachdaidh, co-dhiù a dh’èireas e fo chùmhnant, fon lagh co-cheangailte ri ‘delict’, tro bhristeadh de dhleastanasan reachdail, no ann an dòigh eile, fiù ’s ged a b’ urrainnear a bhith a’ sùileachadh gun tachradh e, nuair a dh’èireas e ri linn no an lùib a bhith:
· a’ cleachdadh an làraich-lìn againn, no a bhith gun chomas a chleachdadh; no
· a’ cleachdadh, no a’ cur earbsa ann an, susbaint sam bith bhon làrach-lìn againn.

Cha ghabh sinn ri coire airson call no milleadh sam bith a nì bhìoras, ionnsaigh sgaoilte a chuireas stad air seirbheisean, no stuthan eile a nì milleadh air teicneòlas a dh’fhaodadh nochdadh air an uidheamachd choimpiutair, ann am prògraman coimpiutair no dàta agaibh no ann an stuthan eile air a bheil seilbh agaibh seach gun do chleachd sibh an làrach-lìn againn no às dèidh dhuibh stuthan a luchdachadh a-nuas bhuaithe, no bho làrach-lìn sam bith co-cheangailte ris.

Chan eil sinn a’ gabhail uallach airson susbaint nan làrach-lìn ris a bheil ceangal bhon làrach-lìn againn fhìn. Cha bu chòir coimhead air leithid a cheanglaichean mar bharantas bhuainne airson nan làrach-lìn sin. Cha ghabh sinn ri coire airson call no milleadh sam bith a dh’èireas dhuibh bho bhith gan cleachdadh.

Tha cuingealachaidhean is bacaidhean eile ann air uallaichean laghail a bhuineas ri uallaichean a th’ oirnn nuair a bheir, no a reiceas, sinn bathar no seirbheisean dhuibh, agus chì sibh iad sin fo ar Cumhachan is Cùmhnantan Solarachaidh.

Bhìorasan
Chan eil sinn a’ gealltainn nach bi bhìorasan no ‘bugs’ air an làrach-lìn againn. Tha e an urra ribh fhèin an teicneòlas fiosrachaidh, na prògraman coimpiutair agus am bun-mheadhan a tha sibh a’ cleachdadh a chur air dòigh ceart gus cothrom fhaighinn air an làrach-lìn. Bu chòir dhuibh am bathar-bog agaibh fhèin a chleachdadh gus ur dìon bho bhìorasan. Cha bu chòir dhuibh droch fheum a dhèanamh den làrach-lìn againn a dh’aona-ghnothach gus bhìorasan, ‘trojans’, ‘boiteagan’, bomaichean loidsig no stuthan eile a thoirt a-steach a nì cron no milleadh air teicneòlas. Chan fhaod sibh feuchainn ri cothrom fhaotainn air an làrach-lìn againn gun chead, no air an fhrithealaiche air a bheil an làrach air a stòradh no air frithealaiche, coimpiutair no stòr-dàta sam bith a tha ceangailte ris an làrach-lìn againn. Chan fhaod sibh ionnsaigh a thoirt air an làrach-lìn againn le ionnsaigh a chuireas stad air seirbheisean no ionnsaigh sgaoilte a chuireas stad air seirbheisean. Ma bhristeas sibh an cumha sin, bidh sibh a’ dèanamh eucoir fo Achd Mì-chleachdadh nan Coimpiutairean 1990. Innsidh sinn do na h-ùghdarrasan eucoir freagarrach mu leithid a dh’eucoir agus bheir sinn taic do na h-ùghdarrasan sin le bhith ag innse dhaibh cò sibh. Ma bhristeas sibh an cumha seo, caillidh sibh a’ chòir agaibh gus an làrach-lìn a chleachdadh sa bhad.

A’ dèanamh ceangal ris an làrach-lìn againn
Faodaidh sibh ceangal a dhèanamh ris an duilleag-dachaigh againn, fhad ’s a nì sibh sin ann an dòigh a tha cothromach is laghail agus fhad ’s nach dèan sibh cron air ar cliù is nach gabh sibh brath air.

Chan fhaod sibh ceangal a dhèanamh ann an dòigh a tha a’ cumail a-mach gu bheil co-bhanntachd eadarainn, no gu bheil sinn gur moladh no a’ toirt taic dhuibh nuair nach eil sin fìor.

Chan fhaod sibh ceangal a dhèanamh ris an làrach-lìn againn ann an làrach-lìn sam bith air nach eil seilbh agaibh.

Chan fhaod sibh an làrach-lìn againn a ‘fhrèamadh’ air làrach-lìn sam bith eile, agus chan fhaod sibh ceangal a dhèanamh ri pàirt sam bith eile den làrach-lìn againn ach an duilleag-dachaigh.

Tha sinn a’ gleidheadh na còrach cead airson ceanglaichean a tharraing air ais uair sam bith gun rabhadh.

Ma tha sibh ag iarraidh feum a dhèanamh de shusbaint air an làrach-lìn againn air nach eil iomradh gu h-àrd, cuiribh fios thugainn.

Ceanglaichean is goireasan aig daoine eile air an làrach-lìn againn
Nuair a tha ceanglaichean ri làraich-lìn is goireasan aig daoine eile air an làrach-lìn againn, tha na ceanglaichean sin air an toirt seachad airson fiosrachadh a-mhàin.
Chan eil smachd againn air an t-susbaint sna làraich-lìn no air na goireasan sin.

An lagh buntainneach
Mas e neach-cleachdaidh a th’ annaibh, cuimhnichibh gu bheil na cumhachan cleachdaidh seo, susbaint agus dealbhadh nan cumhachan, fo rian lagh na h-Alba.

A’ cur fios thugainn
Faodaidh sibh fios a chur thugainn le post-d..

Tapadh leibh airson tadhal air an làrach-lìn againn.