Cumhachan is Cùmhnantan Solarachaidh

Tiogaidean is Tachartasan

Aon uair ’s gun ceannaich sibh tiogaid airson consairt, àite air cùrsa no àite ann an clas, chan fhaod sibh a reic ri cuideigin eile, agus chan fhaigh sibh an t-airgead agaibh air ais agus chan fhaigh sibh cothrom air tiogaid (no tachartas) eile na h-àite ma tha sibh airson a toirt air ais.

Chan fhaighear airgead air ais no cothrom air tiogaid no tachartas eile ach nuair a thèid tachartas a chur dheth no a ghluasad gu àm eile.

Tha Fèis Rois a’ gleidheadh na còrach gus am prògram mar a tha e air a shanasachd atharrachadh, a’ gabhail a-steach oidean, bùithtean-obrach no tachartasan air an ‘iomall’/air an oidhche.

Chan fhaod sibh camarathan, uidheamachd fuaime no bhidio a chleachdadh gun chead aig gin de na tachartasan againn. Ma tha sibh a’ gabhail pàirt ann an cùrsa no tachartas, thèid fhaighneachd dhìbh daonnan nuair a tha sibh a’ clàradh a bheil sibh a’ toirt cead seachad gum faod sinn dealbhan a thogail no filmichean a dhèanamh air adhbharan follaiseachd sam bi sibh fhèin a’ nochdadh math dh’fhaodte.

Stiùireadh airson nam meadhanan sòisealta

Bidh sinn a’ cur earbsa san luchd-chleachdaidh againn a bhith ciallach, agus bidh a’ mhòr-chuid de dhaoine a bhios a’ cur rudan air na meadhanan sòisealta againn gu math ciallach. Faodaidh Fèis Rois cur às do shusbaint sam bith a tha mì-laghail nar beachd-ne (no a tha a’ brosnachadh giùlan mì-laghail) no a tha sinn a’ meas neo-iomchaidh, a’ gabhail a-steach, ach chan e dìreach na rudan a leanas:

  • Beachdan drabasta, oilbheumach, gràineil no connspaideach no beachdan a tha a’ brosnachadh no a’ toirt taic do dh’fhòirneart an aghaidh dhaoine fa leth no bhuidhnean de dhaoine air sàillibh fhreumhan cinneadail no cinneachail, creideamh, ciorram, gnè, aois, nàiseantachd, no taobh gnèitheasach/fèin-aithne gnè, no beachdan a tha as motha ag amas air gràin a dhùsgadh an aghaidh dhaoine ri linn nam feartan bunaiteach seo
  • Beachdan bagarrach no nàimhdeil no susbaint a tha a’ bristeadh a-steach air prìobhaideachd neach eile, no a tha gan sàrachadh no gan leamhachadh, no a’ cur dragh orra no a tha nan adhbhar iomagain dhaibh
  • Susbaint a sheallas gnìomhan cronail no cunnartach
  • Drùiseantachd no susbaint dhrabasta
  • Spam, iomairtean-foille, susbaint no meata-dàta meallta
  • Susbaint a sheallas fòirneart no ìomhaigheachd ro làidir

Beachdan is Molaidhean

Tha na beachdan agaibh fìor chudromach agus cuidichidh iad le bhith a’ toirt piseach air na seirbheisean a bheir sinn dhan a h-uile duine. Tha sinn a’ cur fàilte air beachdan bho dhuine sam bith air na seirbheisean againn agus bheir sinn freagairt dhuibh ann an dòigh phroifeiseanta, chunbhalach, earbsach is onarach. Freagraidh sinn daoine san dòigh as fheàrr leotha, agus tha sinn ag amas air sin a dhèanamh taobh a-staigh 10 làithean-obrach; mura h-urrainn dhuinn sin a dhèanamh innsidh sinn dhuibh.

Ma tha sibh ag iarraidh beachdan a chur thugainn, cuiribh fios gu:

Fèis Rois
16-17 An t-Sràid Àrd
Inbhir Pheofharain
IV15 9RU

No cuiribh fios thugainn air-loidhne.

Poileasaidh gus Dèiligeadh ri Gearanan

Tha Fèis Rois air a chur romhainn gun dèilig sinn ri gearanan bho ar luchd-cleachdaidh ann an dòigh èifeachdach is buadhmhor tro phròiseas foirmeil.

Tha na Modhan-obrach gus Dèiligeadh ri Gearanan an urra ris an Àrd-oifigear agus ’s ann an urra riuthasan a tha e cùisean a cho-òrdanachadh gus dèanamh cinnteach gun tèid fuasgladh a lorg airson a’ ghearain agus gnothaichean eile co-cheangailte ris agus iad a’ conaltradh ris na sgiobaidhean iomchaidh.

Tha na cumhachan is cùmhnantan seo gan cur an gnìomh fo lagh na h-Alba.