Fѐis Rois na h-Òigridh

Cinn-latha airson 2018
Diluain 2na – Dihaoine 6mh Giblean

Tha Fèis Rois na h-Òigridh na thachartas-còmhnaidh spòrsail thairis air còig latha do dhaoine òga (P4-ÀS1). Thèid a cumail sa chiad seachdain de làithean-saora na Càisge, agus faodaidh tu trì clasaichean eadar-dhealaichte a roghnachadh bho liosta anabarrach mòr, a’ gabhail a-steach diofar ionnsramaidean ciùil, seinn Ghàidhlig, dannsa Gàidhealach, dràma agus ealain.

Bidh a h-uile duine a’ gabhail pàirt ann an gnìomhan Gàidhlig gach madainn, leithid an òrain airson muinntir na Fèise air fad. Gach bliadhna, bidh sinn a’ roghnachadh òran Gàidhlig eadar-dhealaichte a dh’fhaodas a h-uile duine ionnsachadh còmhla – thèid a sheinn aig deireadh consairt na fèise. Bidh dà uair a thìde agad airson a’ chiad chlas a bhios na roghainn agad, agus uair a thìde airson an dàrna is an treas clas agad gach latha.

Tha a h-uile oide againn nan neach-ciùil proifeiseanta, comasach is fiosrach agus aig a bheil eòlas air a bhith ag obair le òigridh. Tha sgioba de luchd-stiùiridh is luchd-obrach saor-thoileach againn cuideachd a chuidicheas le bhith a’ ruith nan tachartasan againn. Tha an òigridh fo stiùir an luchd-obrach fad an t-siubhail agus bidh sinn ag obair a rèir nan Stiùiridhean airson Dìon Chloinne is Slàinte is Sàbhailteachd. Tha a h-uile neach-obrach againn nam ball den Sgeama PVG a tha air a ruith le Foillseachadh Alba.

Tha e na dhealas dhuinn ceòl traidiseanta a dhèanamh fosgailte dhan h-uile duine. Nam bu toigh leibh bruidhinn rinn, an diomhaireachd, air taic dha luchd-ionnsachaidh le feumalachdan no air so-ruigsinneachd shònraichte dha ur cuid chloinne, chan eil agaibh ach fios a chur gu Fiona no innse dhuinn air an fhoirm chlàraidh.

Clàraich an-dràsta airson 2018
Clàiraich an-dràsta

Chòrd e rium gu mòr. Bha na h-oidean còir agus choinnich mi ri tòrr charaidean ùra.

Neach a ghabh pàirt ann an 2017

Am measg nan oidean a th’ againn ann an 2018 tha John Carmichael, Kim Richards, Cheyenne Brown, Amy Hall Gibson, Eilidh Scammell, Rona Wilkie, Barry Reid, Steve Fivey, Grant Milne, AIleen Wilson, Suzanne Fivey, Katie Mackenzie, Angus Binnie and Ciara MacPherson.

’S e an t-àm as fheàrr leam dhen bhliadhna.

Neach a ghabh pàirt ann an 2017

Thèid làn-fhiosrachadh mu na clasaichean a bhios aig Fèis na h-Òigridh 2018 a chur suas a dh’aithghearr.

Bidh na clasaichean ciùil stèidhichte ann an Àrd-sgoil Ulapuil agus gheibhear àiteachan-fuirich ann an diofar thaighean leabaidh is bracaist ann an Ulapul.

Bithear a’ tabhann chlasaichean aig na h-ìrean a leanas:

  • FLT = Fìor Luchd-tòiseachaidh – cothrom ann rudeigin fheuchainn airson a’ chiad uair.
  • LTA = Luchd-tòiseachaidh a tha a’ dèanamh adhartas – bidh sibh air a bhith a’ cluich airson nas lugha na 6 mìosan agus bidh beagan eòlais agaibh, mar eisimpleir, bidh beagan sgèilean agaibh, port sìmplidh, no còrd no dhà.
  • BMI = Bun-mheadhan-ìre – bidh sibh air a bhith a’ cluich airson mu 6-18 mìosan / bidh sibh air beagan phort/òrain/chòrdan ionnsachadh agus tha sibh airson togail air na sgilean agaibh agus barrachd phort ionnsachadh.
  • AMI = Àrd-mheadhan-ìre – bidh sibh air a bhith a’ cluich airson còrr is 18 mìosan / bidh fios agaibh air puirt/còrdan/òrain chumanta agus tha sibh airson piseach a thoirt air a’ chluich agaibh.
  • MI = Meadhan-ìre – ìre sam bith aig a’ mheadhan-ìre
  • A = Adhartach – bidh sibh an ìre mhath misneachail às na sgilean agaibh agus bidh deagh chuid phort agaibh agus tha sibh airson a’ chluich agaibh a thoirt chun na h-ath ìre.

A bharrachd air clasaichean gach latha eadar 9.30m – 4f, tha prògram loma-làn de thachartasan spòrsail againn air an oidhche, le seiseanan, cuirm-chiùil bho na h-oidean, cèilidh agus cuirm mhòr aig deireadh na seachdain ann an Ionad MhicPhàil far am bi cothrom agad na dh’ionnsaich thu air feadh na seachdain a thaisbeanadh dha do charaidean is càirdean.
Bidh tòrr rudan a’ tachairt aig àm-lòin cuideachd, leithid spòrs, ealain agus obair chiùird, agus mar a shaoileadh tu, seiseanan ciùil!

A’ Fuireach: £325
A’ gabhail a-steach àite-fuirich, biadh, 20 uair a thìde de chlasaichean le oidean proifeiseanta agus còig oidhcheannan le tachartasan air an oidhche.

An dàrna pàiste a’ fuireach: £275
An aon rud ris an fhiosrachadh gu h-àrd airson pàiste/clann eile bhon aon teaghlach.

Gun a bhith a’ fuireach: £185
Clasaichean, lòn agus cothrom air gach tachartas air an oidhche.

Tha Fèis Rois fortanach gu bheil sinn air airgead poblach a ghleidheadh airson taic a thoirt do na tachartasan againn. ’S e a’ chosgais cheart a bhiodh ann, às aonais na taice, airson gach àite aig an fhèis, £466.

Airson teaghlaichean nach eil a’ cosnadh uiread, dh’fhaodadh gum faigh iad taic bho Urras Cloinne na Gàidhealtachd airson cothrom a thoirt don phàiste/chloinn aca a dhol gu cùrsaichean Fèis Rois. Dh’fhaodadh cuideachd gun leig sinn leibh an t-sùim a phàigheadh ann an cuibhreannan thar ùine, an àite a bhith a’ toirt dhuinn an t-sùim air fad aig an aon àm.

Ma tha sibh airson bruidhinn rinn mu thaic ionmhasail no mu bhith a’ pàigheadh airson cùrsa ann an cuibhreannan, cuiribh fios gu Alison.