Fèis Rois nan Deugairean

Cinn-latha airson 2018: Diluain 22mh – Dihaoine 26mh Dàmhair

Clàraich an-dràsta airson 2018

’S e seachdain air leth a th’ ann an Fèis Rois nan Deugairean do dh’òigridh (ÀS1-ÀS6). Tha an cùrsa a’ toirt cothrom dhut na sgilean a th’ agad leis a’ phrìomh ionnsramaid agad a leasachadh, a bhith a’ seinn, agus rudan ùra fheuchainn. Bithear gu h-àraidh ag ionnsachadh mu bhith a’ cluich còmhla ri daoine eile agus ma tha thu air a shon, faodaidh tu cluich mar bhall de ensemble.

Bidh agad ri dà chlas eadar-dhealaichte a roghnachadh, aonan airson na maidne agus fear eile airson an fheasgair agus cha bheag na tachartasan spòrsail a bhios gan cumail air an oidhche. Am measg nan clasaichean bidh: oideachadh ann an diofar ionnsramaidean, innleadaireachd-fuaime, seinn Ghàidhlig, sgrìobhadh òrain, faram-cheòl agus a’ cluich còmhla ri daoine eile.

Tha a h-uile oide againn nan neach-ciùil proifeiseanta, comasach is fiosrach agus aig a bheil eòlas air a bhith ag obair le òigridh. Tha sgioba de luchd-stiùiridh is luchd-obrach saor-thoileach againn cuideachd a chuidicheas le bhith a’ ruith nan tachartasan againn. Tha an òigridh fo stiùir an luchd-obrach fad an t-siubhail agus bidh sinn ag obair a rèir nan Stiùiridhean airson Dìon Chloinne is Slàinte is Sàbhailteachd. Tha a h-uile neach-obrach againn nam ball den Sgeama PVG a tha air a ruith le Foillseachadh Alba.

Tha e na dhealas dhuinn ceòl traidiseanta a dhèanamh fosgailte dhan h-uile duine. Nam bu toigh leibh bruidhinn rinn, an diomhaireachd, air taic dha luchd-ionnsachaidh le feumalachdan no air so-ruigsinneachd shònraichte dha ur cuid chloinne, chan eil agaibh ach fios a chur gu Fiona no innse dhuinn air an fhoirm chlàraidh.

Chòrd e rium gu mòr agus bha an ceòl dìreach sgoinneil.

Neach a ghabh pàirt ann an 2017

Clàraich an-dràsta airson 2018

Tha sinne aig Fèis Rois air ar dòigh glan gu bheil luchd-ciùil ainmeil a’teagasg aig Fèis Rois nan Deugairean, nam measg:

Ross Ainslie (pìob-mhòr), Gregor Borland (fìdheall), Mairearad Green (bogsa-ciùil), Allan Henderson (fìdheall), Signy Jakobsdottir (faram), Laura Johnston-Scott (dannsa), Lauren MacColl (fìdheall), Ewan MacPherson (giotar), Mischa MacPherson (òran Gàidhlig), Hamish Napier (piàna), Rachel Newton (clàrsach), Barry Reid (giotar), Kim Richards (fìdeag).

Clàr-ama
9.30m – 10.00m Seinn
10.00m – 11.00m A’chiad taghadh
11.00m – 11.30m Àm saor
11.30m – 12.30f A’ chiad taghadh a-rithist
12.30f – 1.30f Àm-lòn
1.30f – 2.30f An dàrna taghadh
2.30f – 2.45f Àm saor
2.45f – 3.45f An dàrna taghadh a-rithist

Bidh na clasaichean ciùil stèidhichte ann an Àrd-sgoil Ulapuil agus gheibhear àiteachan-fuirich ann an diofar thaighean leabaidh is bracaist ann an Ulapul.

Bithear a’ tabhann chlasaichean aig na h-ìrean a leanas:

  • FLT = Fìor Luchd-tòiseachaidh – cothrom ann rudeigin fheuchainn airson a’ chiad uair.
  • LTA = Luchd-tòiseachaidh a tha a’ dèanamh adhartas – bidh sibh air a bhith a’ cluich airson nas lugha na 6 mìosan agus bidh beagan eòlais agaibh, mar eisimpleir, bidh beagan sgèilean agaibh, port sìmplidh, no còrd no dhà.
  • BMI = Bun-mheadhan-ìre – bidh sibh air a bhith a’ cluich airson mu 6-18 mìosan / bidh sibh air beagan phort/òrain/chòrdan ionnsachadh agus tha sibh airson togail air na sgilean agaibh agus barrachd phort ionnsachadh.
  • AMI = Àrd-mheadhan-ìre – bidh sibh air a bhith a’ cluich airson còrr is 18 mìosan / bidh fios agaibh air puirt/còrdan/òrain chumanta agus tha sibh airson piseach a thoirt air a’ chluich agaibh.
  • MI = Meadhan-ìre – ìre sam bith aig a’ mheadhan-ìre
  • A = Adhartach – bidh sibh an ìre mhath misneachail às na sgilean agaibh agus bidh deagh chuid phort agaibh agus tha sibh airson a’ chluich agaibh a thoirt chun na h-ath ìre.

A bharrachd air clasaichean gach latha eadar 9.30m – 4f, tha prògram loma-làn de thachartasan spòrsail againn air an oidhche, le seiseanan, cuirm-chiùil bho na h-oidean, cèilidh agus cuirm mhòr aig deireadh na seachdain ann an Ionad MhicPhàil far am bi cothrom agad na dh’ionnsaich thu air feadh na seachdain a thaisbeanadh dha do charaidean is càirdean.

Bidh tòrr rudan a’ tachairt aig àm-lòin cuideachd, leithid spòrs, ealain agus obair chiùird, agus mar a shaoileadh tu, seiseanan ciùil!

Clàraich an-dràsta airson 2018

A’ Fuireach: £325
A’ gabhail a-steach àite-fuirich, biadh, 20 uair a thìde de chlasaichean le oidean proifeiseanta agus còig oidhcheannan le tachartasan air an oidhche.

An dàrna pàiste a’ fuireach: £275
An aon rud ris an fhiosrachadh gu h-àrd airson pàiste/clann eile bhon aon teaghlach.

Gun a bhith a’ fuireach: £185
Clasaichean, lòn agus cothrom air gach tachartas air an oidhche.

Tha Fèis Rois fortanach gu bheil sinn air airgead poblach a ghleidheadh airson taic a thoirt do na tachartasan againn. ’S e a’ chosgais cheart a bhiodh ann, às aonais na taice, airson gach àite aig an fhèis, £466.

Airson teaghlaichean nach eil a’ cosnadh uiread, dh’fhaodadh gum faigh iad taic bho Urras Cloinne na Gàidhealtachd airson cothrom a thoirt don phàiste/chloinn aca a dhol gu cùrsaichean Fèis Rois. Dh’fhaodadh cuideachd gun leig sinn leibh an t-sùim a phàigheadh ann an cuibhreannan thar ùine, an àite a bhith a’ toirt dhuinn an t-sùim air fad aig an aon àm.

Ma tha sibh airson bruidhinn rinn mu thaic ionmhasail no mu bhith a’ pàigheadh airson cùrsa ann an cuibhreannan, cuiribh fios gu Fiona.