Fèis Rois nan Inbheach

Tha Fèis Rois nan Inbheach a’ frithealadh air gach comas is ìre, agus tha fàilte air a h-uile duine bho luchd-tòiseachaidh gu luchd-ciùil gu math comasach. Chan fheum sibh a bhith comasach air ceòl a leughadh agus chan fheum eòlas a bhith agaibh air ceòl traidiseanta airson spòrs a bhith agaibh aig Fèis nan Inbheach.

Chan e dìreach sàr oideachadh a gheibh sibh aig an fhèis bhliadhnail seo a mhaireas trì latha, bidh tòrr a’ tachairt taobh a-muigh nan clasaichean, leithid sheiseanan, cuirmean aig àm-lòin agus air an oidhche, òraidean agus cearcall còmhraidh Gàidhlig càirdeil.

Thèid na clasaichean a chumail eadar 10m is 4f air Disathairne, Didòmhnaich agus Diluain agus bidh iad air an teagasg le sgioba iongantach de luchd-ciùil aig a bheil cliù eadar-nàiseanta. Tha clasaichean air an seòrsachadh a rèir nan diofar chomasan a th’ aig daoine agus bidh a’ chiad chlas a roghnaicheas sibh ga chumail sa mhadainn agus bidh an dàrna clas a roghnaicheas sibh ga chumail air an fheasgar. Seo dhuibh cothrom a bhith air ur bogadh ann an ceòl, òrain is dannsa dualchasach agus ann an cànan is cultar na Gàidhlig ann am bailie brèagha Ulapuil.

Bha an teagasg air leth gleusta agus a’ freagairt air gach neach fa leth sa chlas.

Neach a ghabh pàirt ann an 2017
Clàraich an-dràsta airson 2018
Clàiraich an-dràsta

Abair deireadh-seachdain math, agus cothrom ionnsachaidh air leth le daoine gu math proifeiseanta.

Neach a ghabh pàirt ann an 2017

Am measg nan oidean a th’ againn ann an 2017 tha Mairearad Green, Amy Thatcher, John Carmichael, Wendy Weatherby, Rachel Newton, Rachel Hair, Marie Fielding, Sally Simpson, Shona Mooney, Aonghas Grant, Louise Mackenzie, Gordon Gunn, Alasdair McCulloch, Lauren MacColl, Megan Henderson, Lillias Kinsman-Blake, Rona Lightfoot, Cathy Ann Macphee, Anna Massie, Ewan Robertson, Jenn Butterworth, Aaron Jones, Ali Burns, Laura-Beth Salter, Signy Jakobsdottir, Margaret Robertson, Gary West, Caroline Reagh, John Sikorski, Calum MacCrimmon, Marc Duff and Barry Reid.

Chòrd Fèis nan Inbheach rium gu mòr, mar a chòrd e rium gach turas eile thar nan 10 bliadhna a dh’fhalbh.

Neach a ghabh pàirt ann an 2017

Geibhear liosta de na oidean gu lèir seo:

Oidean & Bùthan-obrach 2018

Bidh na clasaichean ciùil stèidhichte ann an Àrd-sgoil Ulapuil agus ann am Bun-sgoil Ulapuil.

Bithear a’ tabhann chlasaichean aig na h-ìrean a leanas:

FLT = Fìor Luchd-tòiseachaidh – cothrom ann rudeigin fheuchainn airson a’ chiad uair.
LTA = Luchd-tòiseachaidh a tha a’ dèanamh adhartas – bidh sibh air a bhith a’ cluich airson nas lugha na 6 mìosan agus bidh beagan eòlais agaibh, mar eisimpleir, bidh beagan sgèilean agaibh, port sìmplidh, no còrd no dhà.
BMI = Bun-mheadhan-ìre – bidh sibh air a bhith a’ cluich airson mu 6-18 mìosan / bidh sibh air beagan phort/òrain/chòrdan ionnsachadh agus tha sibh airson togail air na sgilean agaibh agus barrachd phort ionnsachadh.
AMI = Àrd-mheadhan-ìre – bidh sibh air a bhith a’ cluich airson còrr is 18 mìosan / bidh fios agaibh air puirt/còrdan/òrain chumanta agus tha sibh airson piseach a thoirt air a’ chluich agaibh.
MI = Meadhan-ìre – ìre sam bith aig a’ mheadhan-ìre
A = Adhartach – bidh sibh an ìre mhath misneachail às na sgilean agaibh agus bidh deagh chuid phort agaibh agus tha sibh airson a’ chluich agaibh a thoirt chun na h-ath ìre.

Tha a’ phrìs a’ gabhail a-steach nan clasaichean uile, cothrom a dhol gu tachartasan taobh a-muigh nan clasaichean agus tì/cofaidh nuair a tha greisean fois ann.

A’ Phrìs Iomlan: £165
Le Lasachadh: £135
Cosgais gach latha ma thig sibh ann airson latha no dhà: £65

Tha an lasachadh againn airson oileanaich, daoine a gheibh peinnsean na stàite no sochairean, daoine a tha a’ sireadh obair / gun obair / gun chosnadh (me, neach-cùraim, pàrant a tha a’ fuireach aig an taigh).

Chan eil àite-fuirich mar phàirt den phrìs. Tha tòrr àiteachan-fuirich sgoinneil ann an Ulapul ge-tà, gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh air Tripadvisor.

Ma tha companach, caraid no cuideigin bhon teaghlach agaibh a tha airson a dhol a dh’Ulapul còmhla ribh, tha iad làn di-beathte pàirt a ghabhail ann an tachartasan taobh a-muigh nan clasaichean fiù ’s ged nach eil iad a’ dol gu na clasaichean fhèin, agus faodaidh sibh tiogaidean a cheannach dhaibh nuair a ruigeas sibh an Fhèis.

Dè bhios a’ tachairt gach latha?

Bidh cothrom ann clàradh airson an deireadh-sheachdain aig Àrd-sgoil Ulapuil eadar 6-7f Dihaoine 4 Cèitean (faodaidh sibh clàradh cuideachd eadar 9.15-10m madainn Disathairne), agus tha tachartasan an-asgaidh mar phàirt de “Iomall na Fèise” gan cumail air an oidhche sin, leithid seisean aig a’ Cheilidh Place agus cuirm ann an Taigh-òsta Earra-Ghàidheal.

Thèid na clasaichean a chumail eadar 10m is 4f air Disathairne 5mh, Didòmhnaich 6mh agus Diluain 7mh Cèitean (thèid clasaichean na maidne a chumail eadar 10m-12.30f le leth uair a thìde airson stad airson cofaidh agus thèid clasaichean an fheasgair a chumail eadar 2-4f). Roghnaichibh aon chlas sa mhadainn airson an deireadh-sheachdain air fad agus aon chlas air an fheasgar airson an deireadh-sheachdain air fad.

Chan eil mi ach air clàradh airson Disathairne. Ma chòrdas e rium, am faod mi clàradh airson Didòmhnaich is Diluain fhad ’s a tha mi ann an Ulapul?

Faodaidh! Ach feuch gun iarr sibh air neach-obrach sin a chur air dòigh. Tha Fèis nan Inbheach na cùrsa trì-latha far am bi oileanaich a’ dèanamh adhartas sna clasaichean thairis air na trì làithean. Mholamaid dhan a h-uile duine tighinn chun an tachartais air fad mas urrainn dhaibh.

Tha mi gu bhith trang Disathairne, ach bu thoigh leam clàradh airson Didòmhnaich is Diluain. Am biodh sin ceart gu leòr?

Tha sinne toilichte leigeil le daoine clàradh airson pàirt den deireadh-sheachdain ach, mar a chaidh a ràdh gu h-àrd, bidh gach latha den chùrsa trì-latha seo a’ togail air na chaidh a dhèanamh roimhe, mar sin ma thòisicheas sibh air Didòmhnaich, feumaidh sibh greimeachadh gu luath air na chaidh a dhèanamh roimhe.

Tha mo chompanach / caraid airson tighinn a dh’Ulapul airson an deireadh-sheachdain. B’ fheàrr leotha a dhol a choiseachd nam beann tron latha an àite a bhith a’ gabhail pàirt sna clasaichean. Am faod iad pàirt a ghabhail fhathast sna tachartasan air an oidhche?

B’ ann air an dearbh adhbhar sin a thòisich sinn prògram an “Iomaill” o chionn beagan bhliadhnaichean. Tha dà roghainn ann airson companaich/càirdean/caraidean:

  1. Faodaidh iad tabhartas luach £10 a thoirt do dh’Fhèis Rois nuair a ruigeas sibh Ulapul agus le sin gheibh iad bann-làimhe leis am faigh iad a-steach dhan Cheilidh Place gach oidhche (a tha an ìre mhath dùinte dhan phoball fad an deireadh-sheachdain agus an fhèis mar thachartas prìobhaideach ann), agus gu prògram de dh’òraidean is cuirmean aig àm-lòin. Tha cuirmean an-asgaidh cuideachd ann an cuid de na taighean-seinnse ionadail thairis air an deireadh-sheachdain.
  2. Cuideachd, tha consairt mhòr ann an Taigh-cluiche MhicPhàil ann an Àrd-sgoil Ulapuil oidhche Shathairne. Chan eil seo mar phàirt den phrìs airson chlasaichean. Faodaidh sibh tiogaidean airson seo a cheannach dhuibh fhèin agus do ur càirdean/caraidean aig an doras aig £12/£10.

Am faod mi tiogaidean a bharrachd a cheannach airson cuirm-chiùil nan oidean oidhche Dhòmhnaich?

Gu mì-fhortanach, seach nach eil suidheachain gu leòr ann, chan urrainn dhuinn tiogaidean a thabhann airson cuirm-chiùil nan oidean ach dhan fheadhainn a tha clàraichte airson an deireadh-sheachdain air fad, no airson Didòmhnaich. Tha an tiogaid seo mar phàirt den phrìs a phàigheas sibh nuair a chlàraicheas sibh airson na Fèise. Tha sinn fortanach gu bheil taigh-cluiche fìor mhath ann an Ulapul, ach chan eil ach 240 suidheachan san taigh-chluiche sin! Chan urrainn dhuinn tiogaidean a bharrachd a reic do chàirdean/caraidean. Ge-tà, bidh sinn a’ cur cuirm an-asgaidh air dòigh san Arch Inn oidhche Dhòmhnaich dham faod sibh fhèin is ur càirdean/caraidean a dhol nas fhaide air an oidhche.

Tha a’ chòir agam air lasachadh airson daoine aois 65 no nas sine, ach chan eil mi ga fhaighinn nuair a dh’fheuchas mi àite a ghleidheadh air-loidhne.
’S dòcha gu bheil sin a’ tachairt seach nach robh a’ chòir agaibh air lasachadh nuair a chuir sibh an cunntas agaibh air dòigh an toiseach. Feuchaibh ri logadh a-steach dhan chunntas agaibh agus atharraichibh am fiosrachadh agaibh mus glèidh sibh àite.