Cothroman Ionnsachaidh Air-loidhne

Faodaidh sibh na goireasan ealanta is teòma againn a chleachdadh gus cumail oirbh ag ionnsachadh aig an taigh, no gus ur cuideachadh ann a bhith a’ teagasg a’ chlas agaibh fhèin. Tha iad freagarrach airson diofar aoisean is ìrean comais.

Fun Folk App Screenshot
An App ‘Fun Folk’

Faodaidh sibh an app againn a luchdachadh a-nuas airson blasad de cheòl, òrain, sgeulachdan agus dannsaichean cèilidh traidiseanta à Alba a thoirt do chloinn òga.

Tuilleadh Fiosrachaidh
Fèis Rois – Foghlam

Cothrom ann eòlas a chur air cultar na h-Alba san t-seòmar-teagaisg, le duilleagan-ciùil, faclan airson òrain agus faidhlichean-fuaime rim faighinn an-asgaidh bhon làrach-lìn againn le goireasan.

Tadhlaibh air an làrach
Bhidiothan le Leasanan

Tadhlaibh air an t-sianal YouTube againn far am faod sibh ionnsachadh bho luchd-ciùil cliùiteach à Alba san taigh agaibh fhèin, agus iad a’ toirt seachad sreath de leasanan airson na fìdhle, an giotàr, an fhìdeag agus ann an seinn Ghàidhlig.

Coimheadaibh orra air YouTube