An sgioba againn

Picture of Fiona Dalgetty
Fiona Dalgetty
Àrd-oifigear

Bhiodh Fiona a’ frithealadh air Fèis Rois i fhèin nuair a bha i òg agus thill i dhachaigh a Shiorrachd Rois sa Ghiblean 2009 gus an dreuchd Àrd-oifigear Fèis Rois a ghabhail os làimh. Thug i ceum MA (le Urram) a-mach ann an Ceiltis le Oilthigh Dhùn Èideann mus do thòisich i ag obair ann an roinn nan ealain ann an Alba. Tha i air obair do dhiofar bhuidhnean ciùil thraidiseanta, nam measg bha Edinburgh Youth Gaitherin, Bùth-obrach Fìdhlearachd Cheann Loch Goill agus Buidheann Ceòl na h-Alba. Tha eòlas aice air obair ann an roinn an fhoghlaim fhoirmeil a fhuair i bho bhith ag obair mar Cho-òrdanaiche Cultarach do Chomhairle Baile Dhùn Èideann. Tha Fiona air a bhith na neach-comhairleachaidh spèisealta (ceòl) do dh’Alba Chruthachail agus na ball de Bhuidheann-obrach nan Ealain Dualchasach aig Riaghaltas na h-Alba. Chleachd i a bhith na Cathraiche air Fòram a’ Chiùil Thraidiseanta. Nuair nach eil i trang ag ullachadh iarrtasan airson maoineachaidh agus a’ cur thachartasan air dòigh, tha e a’ còrdadh ri Fiona a bhith a’ cluich còmhla ri a còmhlan, Highland Cèilidh.

Marion Mackay
Office Manager

’S ann an urra ri Marion a tha cùisean ionmhasail na buidhne bho latha gu latha. Às dèidh dhi grunn bhliadhnaichean a chur seachad ag obair còmhla ris a’ chompanaidh iomairt ionadail mar neach-comhairleachaidh airson trèanadh ann an roinn na turasachd, thug Marion diofar obraichean co-comhairleachaidh a-mach agus i ag obair air a ceann fhèin, nam measg rinn i obair còmhla ris a’ choimhearsnachd ionadail aice fhèin mar Neach-comhairleachaidh airson Leasachadh Eaconamach na Coimhearsnachd. Cuideachd, thug i taic do bhuidhnean beaga air feadh Siorrachd Rois gus planadh a dhèanamh airson nam buidseatan is na h-obrach aca. Tha Marion air Teisteanas ann an Sgilean Stiùiridh agus Dioplòma ann an Riaghladh Ionmhas Ghnothachasan Beaga a thoirt a-mach.

Rachael Duff
Formal Education Portfolio Manager

Tha Rachael na Manaidsear an Fhoghlaim aig Fèis Rois agus i a’ stiùireadh prògram sgoile na buidhne. Mus do thòisich i san dreuchd seo aig Fèis Rois san t-Sultain 2010, bha i na Stiùiriche Ealain aig Firefly Arts, companaidh ealain òigridh stèidhichte ann an Lodainn an Iar. Thòisich Rachael aig Firefly Arts air greis trèanaidh mar stiùiriche bhùithtean-obrach dràma, an uair sin bha i na Leas-stiùiriche an Fhoghlaim agus na Leas-stiùiriche airson Tèatar Òigridh don chompanaidh. Tro Stèidheachd Richter, tha i air bùithtean-obrach dràma a chur air dòigh air feadh na h-Eòrpa agus air trèanadh a lìbhrigeadh ann an com-pàirt ri daoine eile do luchd-obrach òigridh bhon Roinn Eòrpa. Tha Rachael air BA ann an Tèatar is Dràma nam Meadhanan a thoirt a-mach le Oilthigh Ghlamorgan agus nuair a cheumnaich i bha i am measg nan ciad daoine a fhuair cothrom air preantasachd tron Stèidheachd RANK agus i a’ cur seachad ùine ag obair mar neach-obrach òigridh dhan t-Seirbheis Òigridh aig RCDA. Na h-òige fhèin bhiodh Rachael a’ dol chun a’ Ghordon Gaitherin ann an Siorrachd Obar Dheathain, far an robh e a’ fìor chòrdadh rithe a bhith ag ionnsachadh ceòl traidiseanta.

Catriona Ramsay
Community Classes Co-ordinator

Tha Catriona a’ co-òrdanachadh nan clasaichean coimhearsnachd aig Fèis Rois a bhios air an cumail air feadh Siorrachd Rois. B’ àbhaist Catriona i fhèin a bhith a’ dol gu Fèis Rois agus i a’ cluich na fìdhle na h-òige agus tha i a-nis a’ teagasg chlasaichean ann am fìdhlearachd bho thill i chun na sgìre. Thug Catriona a-mach MA ann an Eachdraidh is Litreachas na Beurla le Oilthigh Obar Dheathain ann an 2010. As t-samhradh 2016 ghabh Catriona turas tarsaing Ameireagaidh a Tuath, far an do dh’ionnsaich i puirt ùra aig campaichean fìdhlearachd ann an Eilean a’ Phrionnsa, Boston, Nashville agus California. Na h-ùine fhèin, ’s toigh le Catriona a bhith a’ cluich ceòl agus a bhith a’ siubhal air feadh sgìre bhòidheach na Gàidhealtachd.

Christian Gamauf
Cultural Tourism Development Officer

Thòisich Christian ag obair aig Fèis Rois mar Oifigear Leasachaidh airson Turasachd Chultarach (agus e na Neach-ceuma air Greis Gnìomhachais) agus ’s e an dleastanas as motha a tha air a bhith air a’ co-òrdanachadh nan Cèilidhean air Chuairt, pròiseact san do ghabh e fhèin pàirt ann an 2013. Thug Christian BA (le Urram) a-mach ann an Ceòl Pragtaigeach le OGE agus b’ e a’ phìob-mhòr a’ phrìomh ionnsramaid a bh’ aige agus tha e an dùil clàr a thoirt a-mach còmhla ris an fhìdhlear Jamie Dòmhnallach as t-Earrach 2018. ’S toigh leis cuideachd a bhith a’ togail dhealbhan-camara agus chì sibh e gu math tric aig tachartasan Fèis Rois agus an camara aige.

Lara McDonald
Project Co-ordinator (Freelance)

Tha Lara air a bhith ag obair fad cha mhòr 30 bliadhna an lùib nan ealain agus ceòl ann an diofar dhreuchdan is raointean, agus san ùine sin tha i air taghadh farsaing de sgilean ionnsachadh agus tuigse fhaighinn air iomadh pàirt den obair a tha dhìth gus pròiseactan, tachartasan, cuairtean, bùithtean-obrach, lìonraidhean, co-labhairtean agus fèisean a thoirt air adhart, a ruith agus a thoirt gu buil agus air a’ phlanadh a tha dhìth gus a leithid a thachartasan is iomairtean a chur air dòigh. Tha i air obair a dhèanamh do dh’iomadach buidheann, leithid Fèis Faultline (Inbhir Nis), Capercaillie, Showcase Scotland, Hi-arts, An Taigh-cluiche Traverse, An Taigh-cluiche Dogstar, Aly Bain is Phil Cunningham, Fèis Bhlas, Blazin’ sa Mhanachainn, Firefly Productions agus Taigh-cluiche Eden Court.