Ar n-obair

Bidh Fèis Rois a’ toirt chothroman do dhaoine de gach aois pàirt agus tlachd a ghabhail sna h-ealain dhualchasach agus Gàidhlig a chleachdadh is eòlas a chur air a’ chànan tro phrògram farsaing de thachartasan ann an Ros is Cromba, air feadh Alba agus ann an dùthchannan eile.

Tha Fèis Rois stèidhichte ann an Inbhir Pheofharain agus aithnichte fad is farsaing mar aon de na prìomh bhuidhnean ealain nàiseanta, gu h-àraidh a thaobh oideachadh ciùil. Tha e na amas dhan bhuidhinn cothrom a thoirt do dhaoine òga agus luchd-ionnsachaidh fad-beatha eòlas a chur air ceòl traidiseanta agus cultar na Gàidhlig agus ionnsachadh mun deidhinn, agus sin a dhèanamh ann an dòigh a chuidicheas iad ann a bhith a’ togail sgilean sòisealta agus a bhrosnaicheas iad gu bhith a’ coileanadh gach nì a tha e na chomas dhaibh a dhèanamh.

’S e a tha aig cridhe obair Fèis Rois fhathast, am prògram bliadhnail againn de dh’fhèisean còmhnaidh (sgoiltean ciùil no fèisean). Leis na fèisean seo, tha cothrom aig daoine tighinn còmhla gus sgilean ann an ceòl traidiseanta ionnsachadh is a neartachadh, agus tha cothrom aca ionnsachadh mu sheòrsaichean ealain eile agus mun Ghàidhlig. A bharrachd air na fèisean còmhnaidh, tha prògram ionnsachaidh loma-làn againn fad na bliadhna airson ceòl an dà chuid an lùib foghlam foirmeil  agus foghlam neo-fhoirmeil.

Tha sinn am measg nam prìomh bhuidhnean com-pàirteach airson grunn phròiseactan, gu h-eadar-nàiseanta agus san dùthaich seo, agus tha sinn a’ tabhann taghadh farsaing de sheirbheisean agus goireasan air-loidhne do luchd-ciùil traidiseanta.

Coimheadaibh air a’ film againn a tha a’ comharrachadh 30 bliadhna bho chaidh Fèis Rois a stèidheachadh

Eachdraidh Fèis Rois is fiosrachadh mun bhuidhinn

B’ e Fèis Rois an dàrna Fèis a chaidh a stèidheachadh ann an Alba, ann an 1986. B’ e Fèis Bharraigh a’ chiad tè, a chaidh a chumail airson a’ chiad uair ann an 1981. Às dèidh do Chairistìona Mhàrtainn, tidsear ionnsramaidean teudach à Siorrachd Rois, a bhith an làthair aig an Fhèis ann am Barraigh còmhla ri a teaghlach, mhol i do a co-obraichean gum bu chòir leithid a phròiseact a bhith air a chur air dòigh ann an Ros is Cromba.

Bha mu 50 duine òg an làthair aig a’ chiad tachartas còmhnaidh aig Fèis Rois ann an 1986. Às dèidh 30 bliadhna, bha an àireamh sin air a dhol suas gu 9,345, sin na bh’ ann de dhaoine a ghabh pàirt ann an tachartasan Fèis Rois sa bhliadhna a chomharraich sinn an 30mh ceann-bliadhna againn!

Tha còrr is 40 fèis coimhearsnachd ann a-nis air feadh Alba. Ge-tà, ’s e Fèis Rois an aon fhèis aig a bheil sgioba-obrach làn-thìde a tha a’ ciallachadh gun gabh obair Fèis Rois a dhèanamh fad na bliadhna agus gun ruig ar n-obair air daoine chan ann a-mhàin san sgìre ionadail againn ach gu fada is farsaing taobh a-muigh na sgìre sin cuideachd. Gu h-eu-coltach ri fèisean eile, a chaidh a stèidheachadh mar bhuidhnean-carthannais ionadail le luchd-obrach saor-thoileach sna coimhearsnachdan, chaidh Fèis Rois a chur air bhonn mar phròiseact fo stiùir Comhairle Sgìre Rois is Chromba (a tha a-nis mar phàirt de Chomhairle na Gàidhealtachd), mar sin bha an Fhèis riamh a’ faotainn taic bhon Ùghdarras Ionadail agus bho luchd-obrach a bha air am pàigheadh.

Fhad ’s a bha barrachd is barrachd fhèisean beaga coimhearsnachd gan stèidheachadh air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean faisg air deireadh nan 1980an, bha e soilleir gun robh an luchd-obrach saor-thoileach a bha a’ ruith nam fèisean sin feumach air taic, agus mar sin chaidh Fèisean nan Gàidheal a chur air chois ann an 1991 mar bhuidheann-taice do na Fèisean. Tha iad a’ toirt taic do na Fèisean a tha nam buill de dh’Fhèisean nan Gàidheal tro ghrunn sheirbheisean, leithid thabhartasan-maoineachaidh, trèanadh, àrachas, ionnsramaidean a gheibhear air iasad, agus bidh iad a’ dèanamh cinnteach gu bheil oidean a tha a’ teagasg aig na Fèisean air sgrùdadh PVG a dhèanamh.

Bha na daoine a bha an sàs ann a bhith a’ stèidheachadh nan ciad fhèisean a’ gabhail dragh nach biodh e fada gus am biodh na h-òrain, an ceòl agus na dannsaichean dualchasach air an call air a’ Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan agus nach robh mòran chothroman ann do chloinn gus na seòrsaichean ealain sin ionnsachadh. San latha an-diugh, bidh Fèis Rois a’ toirt chothroman do mhìltean de dhaoine òga agus inbhich gus sgilean ionnsachadh an lùib nan ealain dualchasach, agus bidh sinn a’ brosnachadh co-obrachadh eadar diofar mheadhanan ealain, obair ealain innleachdach is ùr-nòsach agus a’ brosnachadh dhaoine gu bhith a’ cleachdadh teicneòlas didseatach. Tha tòrr de na daoine a ghabh pàirt sna ciad bhùithtean-obrach a bh’ aig Fèis Rois air soirbheachadh gu mòr bhon uair sin mar luchd-ciùil ann an Alba, agus bidh iad a’ tilleadh gu cunbhalach gus oideachadh a thoirt dhan ath ghinealach de luchd-ciùil òga aig Fèis Rois, mar sin tha cearcall a’ chiùil fhathast slàn is làidir.