• Eadar-nàiseanta

        • Coimisenan

        • Taisbeanadh

        • Com-pàirteachasan

  • Book Courses
  • Language

Luchd-compàirt

Tha sinn fada an comain Alba Chruthachail, agus sinn mar aon de na Buidhnean a gheibh Maoineachadh Cunbhalach bhuapa, airson na taice cunbhalaiche sin agus airson na taice a bheir iad do chuid de na pròiseactan fa leth againn.

Bidh Comhairle na Gàidhealtachd agus Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean a’ toirt taic-airgid dhuinn gus ar cuideachadh le bhith a’ toirt oideachadh do dhaoine ann an ceòl traidiseanta agus a’ toirt chothroman do dhaoine gus pàirt a ghabhail sna h-ealain Ghàidhlig agus eòlas a chur air a’ chànan air a’ Ghàidhealtachd.

Bidh Fèis Rois ag obair gu dlùth còmhla ri Fèisean nan Gàidheal agus grunn bhuidhnean cudromach eile a tha ag obair an lùib nan ealain dualchasach ann an Alba (TRACS, Fòram a’ Chiùil Thraidiseanta, Hands Up for Trad, Celtic Connections, TMSA), agus tha obair nam buidhnean seo uile a’ co-fhreagairt air a chèile gun farpais idir ann eatarra.

Tha sinn moiteil a bhith nar prìomh luchd-compàirt ann an dà phròiseact mhòr stèidhichte air a’ Ghàidhealtachd: Com-pàirteachas Ealain Òigridh na Gàidhealtachd agus Ceòl Òigridh na Gàidhealtachd.

Le taic bho Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, tha caidreachas de bhuidhnean (An Talla Solais, Fèis Rois, Ionad MhicPhàil, Fèis Leabhraichean Ulapuil agus Taigh-tasgaidh Ulapuil) air a bhith ag obair còmhla bho 2014 gus pròiseactan ùra a chur air chois agus na h-ealain agus iomairtean cultarach a thoirt air adhart ann an Ulapul fo sgèith Ulapul Cruthachail.