Ar sgioba

An sgioba dìcheallach is trang a th’ againn san oifis ann an Inbhir Pheofharain, Siorrachd Rois.

Lorraine Aburrow

Office and Finance Manager

Tha Lorraine air leth toilichte a bhith a’ tilleadh gu Fèis Rois mar Mhanaidsear Oifis is Ionmhais. Dh’ fhàg i a’ bhuidheann ann an 2007 airson a triùir chloinne a thogail agus obrachadh ann an companaidh an teaghlaich. Tha a’ chlann a-nise san sgoil agus mar sin, tha i air a dòigh a bhith tilleadh gu Fèis Rois agus a bhith na pàirt de phrìomh bhuidheann ciùil is ealain na h-Alba. Bidh uallach air Lorraine a bhith a’ ruith na h-oifis bho latha gu latha agus a bhith cumail ionmhas na buidhne ann an òrdugh. Tha ceum aice ann an Conaltradh agus tha i a’ dèanamh fiughar ri bhith a’ cleachdadh sin aon uair eile. ‘S toil le Lorraine ceòl beò agus sgrìobhadh cruthachail – rud as a bheil ùidh air a bhith aice bho làithean sgoile. 

Email Lorraine Aburrow
Teya-Jean Bawden

Teya-Jean Bawden

Community Engagement Officer

Cheumnaich Teya-Jean bho Oilthigh Dhùn-Èideann ann an 2012 le MA ann an Litreachas Beurla agus ann an 2014, rinn i MSc ann an Sgrìobhadh Cruthachail. Dh’fhàs i air leth dèidheil air na h-ealain aig Taigh-cluich Eden Court far an robh i a’cuideachadh anns an roinn Chruthachail fad dà bhliadhna. Tràth ann an 2019, thill i gu na freumhan aice ann an ceòl traidiseanta nuair a thòisich i ann an dreuchd Cò-òrdanaiche Clasaichean Coimhearsnachd còmhla ri sgioba Fèis Rois. Bi Teya-Jean i fhèin a’seinn agus a’sgrìobhadh òrain agus tha i air beagan bàrdachd agus sgeulachdan goirid a sgrìobhadh. Mura h-eil guitar na cois, bidh i gu math tric a’coiseachd nam beann leis a’chù aice Limòn.

Email Teya-Jean Bawden

Fiona Dalgetty

Chief Executive

Bha Fiona fhèin a’ frithealadh Fèis Rois na h-òige agus thill i dhachaigh a Shiorrachd Rois sa Ghiblean 2009 airson obair mar cheannard a ghabhail. Bhon a dh’ fhàg i Oilthigh Dhùn Eideann tha i air dreuchd a thogail sna h-ealain ann an Alba. Ann an 2018 Chaidh a h-ainmeachadh air prògram rèidio Woman’s Hour a-measg nan ceathrad bhoireannach as soirbheachaile buaidh a thoirt air a’ cheòl ris am bi sinn uile ag èisteachd. A thuilleadh air a seo chaidh a h-ainmeachadh le Comann Bratach na Croise a-measg nan deich bhoireannach as buadhmhòire ann an 2019. Tha obair Fiona air Fèis Rois a dhearbhadh mar thè de na buidhnean ealain as soirbheachaile an Alba. Tha seo fhèin air buaidh na fèise a’ leudachadh gu h-eadar-nàiseanta ach le freumhan domhainn ann an Siorrachd Rois.

Email Fiona Dalgetty

Rachael Duff

Education Manager

Tha Rachael na Manaidsear an Fhoghlaim aig Fèis Rois agus i a’ stiùireadh prògram sgoile na buidhne. Mus do thòisich i san dreuchd seo aig Fèis Rois san t-Sultain 2010, bha i na Stiùiriche Ealain aig Firefly Arts, companaidh ealain òigridh stèidhichte ann an Lodainn an Iar. Thòisich Rachael aig Firefly Arts air greis trèanaidh mar stiùiriche bhùithtean-obrach dràma, an uair sin bha i na Leas-stiùiriche an Fhoghlaim agus na Leas-stiùiriche airson Tèatar Òigridh don chompanaidh. Tro Stèidheachd Richter, tha i air bùithtean-obrach dràma a chur air dòigh air feadh na h-Eòrpa agus air trèanadh a lìbhrigeadh ann an com-pàirt ri daoine eile do luchd-obrach òigridh bhon Roinn Eòrpa. Tha Rachael air BA ann an Tèatar is Dràma nam Meadhanan a thoirt a-mach le Oilthigh Ghlamorgan agus nuair a cheumnaich i bha i am measg nan ciad daoine a fhuair cothrom air preantasachd tron Stèidheachd RANK agus i a’ cur seachad ùine ag obair mar neach-obrach òigridh dhan t-Seirbheis Òigridh aig RCDA. Na h-òige fhèin bhiodh Rachael a’ dol chun a’ Ghordon Gaitherin ann an Siorrachd Obar Dheathain, far an robh e a’ fìor chòrdadh rithe a bhith ag ionnsachadh ceòl traidiseanta.

Email Rachael Duff

Crìsdean Gamauf

Creative Producer

An dèidh dha a bhith air Cuairt Cèilidh Fèis Ròis fhad ‘s a bha e a’ toirt a-mach ceum ciùil às Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, thàinig Crisdean an luib sgioba na Fèise ann an 2017, mar cho-òrdanaiche na Cuairt Cèilidh. An-dràsta tha e ag obair na cho-òrdanaiche neo-cheangailte air cothroman cluiche agus taisbeanaidh gu nàiseanta agus eadar-nàiseanta. A thuilleadh air an obair aige le Fèis Rois tha e a’ toirt a-mach ceum maighstireachd ann an Co-ionannachd agus Còirichean a’ Chinne-Daonna aig Oilthigh Ghlaschu. Bidh e ag obair gu saor-thoileach airson LGDT Òigridh na h-Alba.

Email Crìsdean Gamauf
Eilidh Forsyth, Gaelic Officer, Fèis Rois

Eilidh Forsyth

Gaelic Officer: Planning and Policy

Tha Eilidh air a dòigh tòiseachadh le Fèis Rois bhon t-Sultain 2023 mar Oifigear Gàidhlig pairt-ùine. Cheumnaich Eilidh bho Oilthigh Obar Dheathain ann an 2023 le MA ann an Gàidhlig. Bidh Eilidh ag obair ann am poileasaidh agus planadh, rud a chòrd rithe nuair a bha i aig an oilthigh. Mar a’ chiad obair aca ann an saoghal na Gàidhlig, tha Eilidh a’ coimhead air adhart ri bhith ag ionnsachadh mu cho cudromach sa tha Gàidhlig aig Fèis Rois agus na sgilean ùra a leasaicheas i bhon fheadhainn a tha timcheall oirre. A bharrachd air a’ Ghàidhlig, bidh Eilidh gu tric a’ coimhead spòrs beò, gu sònraichte teanas, a’ leaughadh leabhar math, a’ dol air làithean-saora no a’ cluich na pìoba.

Email Eilidh Forsyth
Sophie Stephenson, Gaelic Officer

Sophie Stephenson

Gaelic Officer: Creative Projects

A’ tighinn à Cille Chuimein air cladach Loch Nis, tha an dealas a tha aig Sophie airson cànan is cultar na Gàidhlig air sàilleabh mar a thogadh i air a’ Ghàidhealtachd agus mar a bha i bho h-òige an lùib taighean-cèilidh, dannsaichean, seiseanan ciùil agus fèisean ionadail. Tha MA ann an Litreachas na h-Alba agus Eitn-eòlas (Oilthigh Dhùn Èideann), CertHE ann an Gàidhlig (Sabhal Mòr Ostaig) agus HNC ann an Ceòl Traidiseanta (Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean) aig Sophie. Feadh nan deich bliadhna a dh’ fhalbh, tha Sophie air a bhith ag obair anns na h-ealain Ghàidhlig agus sna meadhanan mar neach-taisbeantais, tidsear agus preasantair. A thuilleadh air seo, tha Sophie ainmeil gu h-eadar-nàiseanta ann an dannsa-ceum. Thòisich Sophie ag obair aig Fèis Rois san t-Sultain 2023 agus tha i na h-oifigear Gàidhlig airson pròiseactan cruthachail. Na dreuchd, bidh i ag obair air tachartasan a’ gabhail a-steach Cearcall Còmhraidh agus deiridhean-seachdaine còmhnaidh Gàidhlig do dheugairean ann an Ros is Cromba. Tha ùidh aig Sophie ann an com-pàirteachasan agus co-obrachadh le buidhnean Gàidhlig air feadh Alba agus le coimhearsnachdan mion-chànanan eile gu h-eadar-nàiseanta. Nuair nach eil i ag obair, tha ùidh mhòr aig Sophie sa bhlàr a-muigh – coiseachd anns na beanntan, snàmh agus iomradh-bùird!  

Email Sophie Stephenson
To top