• Eadar-nàiseanta

        • Coimisenan

        • Taisbeanadh

        • Com-pàirteachasan

  • Book Courses
  • Language

Riaghladh

Tha Fèis Rois air a riaghladh le Bòrd Stiùiridh a bhios a’ coinneachadh ceithir tursan sa bhliadhna. Thèid ar Coinneamh Bhliadhnail a chumail gach Samhain agus faodaidh duine sam bith bhon mhòr-shluagh a dhol chun na coinneimh sin. Thoiribh sùil air ar duilleig le naidheachdan airson fiosrachadh mun tachartas sin nas fhaisge air an àm.

Malina NicDhòmhnaill-Dawson

Iar-Chathraiche

Tha Malina na Manaidsear airson Prògram mòr de Phròiseactan taobh a-staigh Seirbheisean Cloinne Comhairle na Gàidhealtachd. Às dèidh dhi ceumnachadh bhon Oilthigh agus a bhith a’ fuireach thall thairis, thill Malina chun na Gàidhealtachd agus am beairteas ciùil san sgìre na adhbhar mòr dhi airson tilleadh. ’S fìor thoigh le Malina a bhith a’ seinn agus a’ sgrìobhadh òrain, agus tha e a’ còrdadh rithe a bhith a’ seinn i fhèin agus ann an còisir còmhla ri Còisir Ghàidhlig Inbhir Nis, Còisir Acclaim agus còmhla ris a’ chòmhlan aice fhèin. Tha e cuideachd air còrdadh rithe a bhith a’ dol gu Fèis nan Inbheach airson còrr is 10 bliadhna.

Thòisich i air a’ Bhòrd sa Chèitean 2016

Fiona Callum

Rùnaire/Ionmhasair

’S i Fiona aon den phrìomh luchd-cunntais aig Comhairle na Gàidhealtachd, agus ron obair sin chuir i bliadhna seachad ag obair ann an Sydney, Astràilia agus bha i ag obair aig EY ann an Inbhir Nis ron sin. Dh’ionnsaich Fiona an fhidheall san sgoil agus bha i na ball de dh’iomadh còmhlan cèilidh agus còisir sgoile aig Acadamaidh Chùil Lodair, agus bidh i a-nis a’ cluich le Còmhlan Fhìdhlearan Inbhir Nis bho àm gu àm agus bidh i mar as trice a’ gabhail pàirt anns a’ Chuirm Fhìdhlearachd aca gach bliadhna. Tha ùidh mhòr aice ann an iomadach seòrsa ciùil leithid ceòl traidiseanta, tuath-cheòl agus ‘bluegrass’ agus tha e a’ fìor chòrdadh rithe a bhith a’ dol gu tachartasan le ceòl beò air a’ Ghàidhealtachd.

Thòisich i air a’ Bhòrd san Lùnastal 2017

Norman MacArthur

Tha Tormod air a bhith a’teagasg Gàidhlig agus cuspairean eile tro mheadhan na Gàidhlig ann an Acadamaidh Inbhir Pheofharain bho 2003. Chleachd e a bhith a’seinn ann an Gàidhlig agus bidh e a’cluich na pìoba agus uaireannan a’sgrìobhadh òrain. Tha ùidh gu sònraichte aige ann an bhith a’dèanamh cinnteach gun lean an obair a tha Fèis Rois a’dèanamh gus àite a thoirt don Ghàidhlig san obair aca.

AppoiThòisich e air a’ Bhòrd san t-Samhain 2017

Shona Henderson

Tha Shona ag obair mar leas-dheasaiche naidheachdan aig a’BhBC ann an Inbhir Nis. Tha i air a bhith ag obair dhan BhBC fad còrr air 20 bliadhna, an toiseach ann an Glaschu. Rugadh is thogadh Shona anns na Hearadh agus tha i fileanta ann an Gàidhlig. Tha ùidh mhòr aice ann an òrain is bàrdachd Gàidhlig agus mar a tha ceòl na mheadhan airson daoine, sean is òg, a thoirt còmhla.

Thòisich i air a’ Bhòrd sa Chèitean 2018

Ruairidh Gollan

Tha Ruairidh an-dràsta a’dèanamh ceum ann an Ceòl aig Oilthigh na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean. Tha e a’cluiche a’bhogsa agus an fhìdhill. Tha e air fàs suas le Fèis Rois agus tha e air pàirt a ghabhail ann an Cèilidh air Chuairt agus ann am pròiseactan eile mar Càirdean is Coimhearsnachd agus The Boy & the Bunnet. Chaidh e gu Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd agus tha e a’cluiche leis a’chòmhlan Gizzen Briggs. Tha e cuideachd an-sàs ann an Sutherland Sessions. Mar sin, tha eòlas gu math farsaing aig Ruairidh air cèòl ann an Alba agus cuidichidh sin e ann a bhith a’brosnachadh leudachadh a bharrachd aig Fèis Rois.

Thòisich i air a’ Bhòrd sa Chèitean 2018

Duncan Chisholm

Se Donnchadh aon den luchd-ciùil as cliùitiche ann an Alba. Tha e na shàr chluicheadair fìdhle agus na sgrìobhaiche ciùil sònraichte. Rugadh is thogadh e faisg air Inbhir Nis agus tha e air a chuid mhòr de bheatha a chuir seachad a’leasachadh a chuid ciùil. Tha e air siubhal air feadh na RA, na Roinn Eòrpa agus na Stàitean Aonaichte. Tha e ag obair leis fhèin, còmhla ri Julie Fowlis agus còmhla ris a’chòmhlan Wolfstone. Ann an 2015, chaidh Donnchadh fhasdadh mar stiùiriche Càirdean is Coimhearsnachd – pròiseact òigridh Fèis Rois a tha ag amas air daoine òga a bhrosnachadh gu bhith cruthachail le sgilean eitn-eòlais, fiolmadh agus a bhith a’sgrìobhadh fuinn is ceòl.

Thòisich e air a’ Bhòrd san t-Samhain 2018