Riaghladh

Tha Fèis Rois air a riaghladh le Bòrd Stiùiridh a bhios a’ coinneachadh ceithir tursan sa bhliadhna. Thèid ar Coinneamh Bhliadhnail a chumail gach Samhain agus faodaidh duine sam bith bhon mhòr-shluagh a dhol chun na coinneimh sin. Thoiribh sùil air ar duilleig le naidheachdan airson fiosrachadh mun tachartas sin nas fhaisge air an àm.

Buill a’ Bhùird

Mark Sheridan
Cathraiche

Tha Mark na neach-comhairleachaidh is sgrìobhadair fìor chomasach a thaobh foghlam agus nan gnìomhachasan cruthachail is cultarach ann an Alba agus san Roinn Eòrpa. Tha e na Leughadair ann an Ceòl is Obair Chruthachail aig Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean, agus tha e na sgrìobhadair-ciùil cliùiteach.

Thòisich e air a’ Bhòrd san t-Sultain 2013
Malina NicDhòmhnaill-Dawson
Iar-Chathraiche

Tha Malina na Manaidsear airson Prògram mòr de Phròiseactan taobh a-staigh Seirbheisean Cloinne Comhairle na Gàidhealtachd. Às dèidh dhi ceumnachadh bhon Oilthigh agus a bhith a’ fuireach thall thairis, thill Malina chun na Gàidhealtachd agus am beairteas ciùil san sgìre na adhbhar mòr dhi airson tilleadh. ’S fìor thoigh le Malina a bhith a’ seinn agus a’ sgrìobhadh òrain, agus tha e a’ còrdadh rithe a bhith a’ seinn i fhèin agus ann an còisir còmhla ri Còisir Ghàidhlig Inbhir Nis, Còisir Acclaim agus còmhla ris a’ chòmhlan aice fhèin. Tha e cuideachd air còrdadh rithe a bhith a’ dol gu Fèis nan Inbheach airson còrr is 10 bliadhna.

Thòisich i air a’ Bhòrd sa Chèitean 2016
Fiona Callum
Rùnaire/Ionmhasair

’S i Fiona aon den phrìomh luchd-cunntais aig Comhairle na Gàidhealtachd, agus ron obair sin chuir i bliadhna seachad ag obair ann an Sydney, Astràilia agus bha i ag obair aig EY ann an Inbhir Nis ron sin. Dh’ionnsaich Fiona an fhidheall san sgoil agus bha i na ball de dh’iomadh còmhlan cèilidh agus còisir sgoile aig Acadamaidh Chùil Lodair, agus bidh i a-nis a’ cluich le Còmhlan Fhìdhlearan Inbhir Nis bho àm gu àm agus bidh i mar as trice a’ gabhail pàirt anns a’ Chuirm Fhìdhlearachd aca gach bliadhna. Tha ùidh mhòr aice ann an iomadach seòrsa ciùil leithid ceòl traidiseanta, tuath-cheòl agus ‘bluegrass’ agus tha e a’ fìor chòrdadh rithe a bhith a’ dol gu tachartasan le ceòl beò air a’ Ghàidhealtachd.

Thòisich i air a’ Bhòrd san Lùnastal 2017
Conal McDonagh

’S e pìobaire a th’ ann an Conal McDonagh à Poll Iù, Siorrachd Rois. Bha e na bhall de Chòmhlan Pìoba Sgìre Ulapuil mus d’ fhuair e àite ann an Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd sa Phloc, agus nuair a bha e san sgoil sin bhiodh e a’ gabhail pàirt gu cunbhalach sna Cèilidhean air Chuairt aig Fèis Rois gach bliadhna. Ann an 2012, fhuair Conal sgoilearachd airson sàr sgilean ciùil nuair a rinn e deuchainn-inntrigidh aig Conservatoire Rìoghail na h-Alba. Bho aois òg tha an togail a fhuair e ann an Alba agus na freumhan Èireannach aige air buaidh a thoirt air a’ cheòl aig Conal, agus bidh e a’ cluich na pìoba-mòire agus pìob Crìochan na h-Alba agus a’ cluich na pìob’ uilinn à Èirinn agus a’ cluich na fìdeig. Tha Conal air cluich còmhla ri grunn luchd-ciùil ainmeil agus feadhainn a tha air tòiseachadh a’ cosnadh cliù dhaibh fhèin lethid Inyal, Hannah Rarity, Donnchadh Siosalach agus RSNO.

Thòisich e air a’ Bhòrd san t-Samhain 2015
Shannon Cowie

Le ceum aice mu thràth ann an Eòlas-cungaidh, tha Shannon a-nis air an darna bliadhna aice aig Oilthigh Ghlaschu a’ toirt a-mach ceum ann an Leigheas . Tha i gu mòr an sàs ann an gnothaichean Gàidhlig aig an oilthigh. Fad dà bhliadhna bha i na pàirt den sgeama-còmhnaidh ‘Taigh na Gàidhlig’ agus tha i cuideachd air a bhith na ball air comataidh a’ Chomuinn Oiseanaich. Mar chomharra air an obair aice às leth Gàidhlig aig an oilthigh chaidh an duais ‘Tosgaire Òg na Bliadhna’ a bhuileachadh oirre aig Duaisean na Gàidhlig, 2016. Na h-ùine fhèin bidh Shannon agus cuid de a caraidean ag obair air ‘Ceangael’, bloga a tha an dà chuid ann an Gàidhlig agus Gaeilge. B’àbhaist dha Shannon fhèin a bhith a’ frithealadh Fèis Rois, a’ cluich na fìdeige agus bha i na sgoilear aig Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd sa Phloc.

Thòisich i air a’ Bhòrd san t-Samhain 2015
Norman MacArthur
Thòisich e air a’ Bhòrd san t-Samhain 2017