Cothromanan Maoineachaidh

Tha Fèis Rois a’ cur a làn-taic ri luchd-ciùil is luchd-ealain tro chothromanan maoineachaidh far an gabh sin dèanamh. Cuirear gairmean proiseict fosgailte am follais an seo nuair a gheibhear iad.

Sgeime Tabhartasan Beaga: Cèol Dualchasach

‘S e pàirt de Phasgan Ionmhas Cobhad-19 aig Riaghaltas na h-Alba a tha ann an Sgeime Tabhartasan Beaga na h-Òigridh  airson na h-ealain a chuideachadh, ‘s e air a chur an gnìomh le Alba Chruthachail. Tha Alba Chruthachail air am maoin seo a thoirt seachad do 18 buidhnean ann an Alba. Tha dual a’ mhaoin a tha ga làimhseachadh le Fèis Rois fosgailte do luchd-ciùil a tha ag obair air an ceann fhèin an àite sam bith ann an Alba is iad ag obair ann an ceòl dualchasach. Tha na tabhartasan an dùil cothromanan obrach a chruthachadh do leithid a luchd-ciùil agus gnìomhan ealain a chur an tairgse cloinne is òigridh, gu h-àraidh iadsan as motha a tha fo dhroch bhuaidh Cobhad-19.

Faodaidh tagraichean cur a dh’iarraidh eadar £500-£5,000 gus pròiseactan a dhealbhadh is a thoirt seachad do dh’òigridh. ‘S e buidseat a’ mhaoin air fad £40,000. Ma thèid leis an tagradh agad, pàighear 90% den t-suim an dèidh dhut do chùmhnant a thilleadh is d’ ainm ris agus 10% an dèidh dhut aithisg dheireannach a’ phròiseict a chur a-steach.

Tha e san amas aig Sgeime Tabhartasan Beaga Ealan na h-Òigridh taic a chumail ri clann is òigridh ann an grunn phrìomh-bhuidhnean. Nam measg tha òigridh:

  • a tha a’ fuireach ann am bochdainn no ann an ceàrnaidhean truagh dìblidh
  • a tha a’ fulang no ann an cunnart cron is cion aire fhulang
  • a tha ann an cùram no dìreach air cùram fhàgail
  • a tha ann an tràth- bhliadhnaichean (0-5) de am beatha 
  • a tha bho eachdraidh cinnidh dubh agus/no beag-chuid 
  • air a bheil ciorram agus/no feumalachd taic a bharrachd   
  • a tha an cunnart, no a tha air, eucoir a dhèanamh 
  • a tha nan luchd-cùraim no nam pàrantan òga 
  • a tha, no a tha an cunnart, no a tha air a bhith gun dachaigh  
  • a tha a’ fulang euslaint inntinn

Prìomh-chinn-làithean

Dihaoine  29 Faoilleach 2021: am Maoin a’ Fosgladh
Didòmhnaich, 14 Màrt 2021, meadhan-oidhche: am Maoin a’ dùnadh
Diluain, 22 Màrt 2021: am Panal a’ coinneachadh
Aig a’ char as fhaide Dihaoine 26 Màrt: Na co-dhunaidhean gan innse don luchd-tagraidh
Diluain, 29 Màrt: Am Maoin ga sgaoileadh

26 Giblean 2021: An ceann-là tòiseachaidh as tràithe airson phròiseactan
21 Màrt 2022: Feumar am Pròiseact a bhith deiseil is an aithisg dheireannach a chur a-steach

Bidh na leanas air a’ phannal:

Fiona Dalgetty, Ceannard Fèis Rois
Siobhan Anderson, Oifigeach-ciùil Alba Chruthachail
Ruairidh Gollan, Neach-ciùil
Julie Fowlis, Neach-ciùil

Mar a chuireas tu ga iarraidh:

Faodaidh tu am foirm-iarrtais agus an stiùradh gu h-ìseal a luchdachadh a-nuas. Feuch gun dèan thu cinnteach gu bheil thu air Stiùradh nan Tabhartasan Beaga a leughadh gu faiceallach mus lìon thu am foirm.

An cuir thu d’ iarrtas lìonte gu:

Christian Gamauf
projects@feisrois.org

Riochdan, cànainean is taic-iarraidh eile

Tha Fèis Rois a’ cur a làn-taic ri gabhail ri iarrtasan ann an riochdan eile. Ma dh’fheumas tu cur a dh’iarraidh maoineachaidh ann an riochd eile, no ma tha feum agad air taic gus d’ iarrtas a dhèanamh, nach cuir thu fios gu:

Christian Gamauf
projects@feisrois.org
+44 (0)7554 866257