Ionnsramaidean air Mhàl

Tha stòras ionnsramaidean againn le mu 100 ionnsramaid a tha rim faotainn air mhàl do dhaoine a tha a’ gabhail nan clasaichean seachdaineach againn. Chaidh tòrr dhiubh sin a thoirt dhuinn le daoine fialaidh sa choimhearsnachd . Ma tha ionnsramaid agaibh a tha sibh airson a thoirt dhuinn, cuiribh fios thugainn.

Leis na h-ionnsramaidean air mhàl againn tha sinn ag iarraidh cothrom a thoirt dhuibh air ionnsramaidean a bhiodh gu math daor an ceannach agus tha sinn a’ feuchainn ri ar prìsean a chumail cho reusanta ’s as urrainn dhuinn:

  • Fidheall: £7.50 gach mìos
  • Giotàr: £7.50 gach mìos
  • Bogsa: £10 gach mìos
  • Clàrsach: £20 gach mìos

Tha liosta-feitheimh againn airson cuid de na h-ionnsramaidean a tha nas motha, agus nas daoire, leithid nan clàrsach. Cuiribh fios thugainn ma tha sibh airson ionnsramaid fhaotainn air mhàl feuch an dèan sinn cinnteach gu bheil tè againn agus gus an urrainn dhuinn àm a chur air dòigh far an urrainn dhuibh tadhal air an oifis airson an ionnsramaid fhaighinn agus na foirmichean a lìonadh a-steach.