Stiùidio Clàraidh

Tha sinn air stiùidio beag a chruthachadh san oifis againn ann an Inbhir Pheofharain a dh’fhaodas daoine òga a chleachdadh an-asgaidh. Ma tha thu airson bathar-bog proifeiseanta a chleachdadh airson an ceòl agad fhèin a chlàradh nach cuir thu fios thugainn [link to contact us page] agus faodaidh tu àm a ghleidheadh far am faod thu tighinn a-steach agus na goireasan a chleachdadh.

Tha an oifis againn am meadhan Inbhir Pheofharain, 16-17 An t-Sràid Àrd (IV15 9RU), os cionn New Look agus Specsavers. Bidh cothrom agad air na prògraman is an uidheamachd as ùire gus an ceòl agad a chlàradh:

  • Pro Tools
  • Sibelius
  • Maicreafònaichean Røde
  • Meur-chlàran MIDI

Abair spòrs a bh’ ann a bhith a’ faighinn cothrom an stiùidio clàraidh ùr a chleachdadh agus port a sgrìobh mi fhìn a chlàradh aig a’ ghoireas sgoinneil seo.

Grace Stiùbhart-Skinner