Greisean Gnìomhachais

Tha sinn a’ tabhann ghreisean gnìomhachais fad na bliadhna do sgoilearan àrd-sgoile agus oileanaich ann am foghlam adhartach. ’S e greisean saor-thoileach a th’ annta agus tha iad airson daoine òga aig a bheil ùidh ann a bhith ag obair ann an roinn nan ealain.

Tha gach greis gnìomhachais air a dhealbh a dh’aona-ghnothach ann an co-bhuinn leat fhèin gus dèanamh cinnteach gum faigh thu eòlas prìseil bhon ùine agad còmhla rinn. Tha sinn toilichte prògram a chur air dòigh a bheir cothrom dhut eòlas a chur air iomadh taobh den t-seòrsa obrach a gheibhear ann an roinn nan ealain coimhearsnachd. Faodaidh tu ionnsachadh mu bhith a’ cur thachartasan air dòigh, obair rianachd, margaidheachd, sanasachd is foillseachadh, ag ullachadh chlasaichean agus na h-ealain dhualchasach ann an roinn an fhoghlaim fhoirmeil.

Mar as trice, mairidh greis gnìomhachais seachdain, ach tha sinn toilichte prògram oideachaidh nas motha na sin a thabhann airson suas ri mìos a rèir dè an suidheachadh a th’ agad.

Tha Fèis Rois clàraichte mar bhuidhinn airson ghreisean gnìomhachais le Comhairle na Gàidhealtachd.

Bha a’ ghreis gnìomhachais a rinn mi ann an oifis Fèis Rois math dha-rìribh! Bha e sgoinneil a bhith a’ faicinn mar a tha an obair eagrachaidh is rianachd ga dèanamh agus mar a tha Fèis Rois fhèin ga ruith. Tha muinntir na h-oifis fhèin cho càirdeil ’s gun robh spòrs agam fiù ’s nuair a bha mi a’ cur chairtean-puist ann an cèisean.

Chlàraich Grace aon na puirt aice fhèin, Boba an Locharn, fhad ’s a bha i air greis gnìomhachais còmhla rinn.