Pròiseactan

Bidh sinn a’ toirt chothroman do dhaoine de gach aois pàirt agus tlachd a ghabhail sna h-ealain dhualchasach tro phrògram farsaing de thachartasan ann an Ros is Cromba, air feadh Alba agus ann an dùthchannan eile.

Com-pàirteachas Ealain Òigridh na Gàidhealtachd

’S e Fèis Rois aon de thrì buidhnean deug a tha ag obair ann an com-pàirt gus Com-pàirteachas Ealain Òigridh na Gàidhealtachd a thoirt air adhart.

Càirdean is Coimhearsnachd

Am pròiseact againn còmhla ris an fhìdhlear Donnchadh Siosalach far an robhar a’ rannsachadh stuthan tasglainne, a’ dèanamh fhilmichean, a’ sgrìobhadh ceòl agus ga chluich beò.

Cèilidh air Chuairt

Cothrom ann a bhith nad neach-ciùil air chuairt ma nì thu deuchainn-chiùil airson ar Cèilidh air Chuairt

Fòram Ciùil Òigridh na Gàidhealtachd

A’ toirt bhuidhnean, oidean, sgoiltean, ionadan-cluiche agus luchd-ciùil còmhla gus cothroman a thoirt do dhaoine òga air a’ Ghàidhealtachd.

Interplay | A’ Cluich Ceòl Còmhla

Ann an com-pàirt ri HMP Inbhir Nis, tha sinn a’ cur prògram ionnsachaidh is trèanaidh air dòigh airson daoine sa phrìosan is na teaghlaichean aca.

An Turas: Bhòidse a’ Hector

An obair a bharantaich sinn le Iain Somerville, stèidhichte air a’ bhòidse dhoirbh aig a’ Hector ann an 1773

Coinneach Odhar

An ceòl a bharantaich sinn le Lauren NicColla stèidhichte air beatha is fàidheadaireachd Choinnich Odhair

Fèis Chiùil Thraidiseanta Chambridge

Cothrom air leth do luchd-ciùil òga na tàlantan aca a thaisbeanadh

Fèis Cheilteach Nàiseanta Astràilia

Tha com-pàirteachas eadar-nàiseanta againn le Prìomh Fhèis Cheilteach Astràilia.

Solas dhan Roinn Eòrpa, Romàinia

Bidh sinn ag obair leis a’ bhuidheann-charthannais sgoinneil seo gus clann ann an Romàinia a chuideachadh aig a bheil duilgheadasan claisneachd is fradhairc