Interplay | A’ Cluich Ceòl Còmhla

Tha e na amas dhan phròiseact, A’ Cluich Ceòl Còmhla, cothrom a thoirt do dhaoine a tha sa phrìosan piseach a thoirt air na sgilean ciùil aca agus air na sgilean beatha, ionnsachaidh is obrach aca. Thòisich am pròiseact sa Ghiblean 2017 le taic bhon mhaoin aig Alba Chruthachail ‘Cothrom air Ceòl’  agus tha sinn a’ coimhead air adhart ris an obair seo a thoirt air adhart ann an 2018.

Tha sgioba sgoinneil againn de dh’oidean ciùil airson a’ phròiseict: Amy NicEanraig, Daibhidh Màrtainn, Fionnlagh Napier agus Monica Neeling. Tha Fèis Rois cuideachd air Neach-ciùil air Greis Trèanaidh fhastadh, Liam Ros, oileanach bho Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean. Tha an obair air a bhith a’ gabhail a-steach greisean-còmhnaidh a mhaireas seachdain, seiseanan cunbhalach gach seachdain, cuirmean-ciùil agus bùithtean-obrach le teaghlaichean nuair a tha iad a’ tadhal. Tha sinn air a bhith ag obair còmhla ri fir bho na trì buidhnean a tha sa phrìosan: daoine a tha a’ feitheamh ri breith, daoine a chaidh a dhìteadh agus daoine a tha fo dhìon. Bho bhith a’ teagasg aon neach leotha fhèin gu bhith a’ ruith sheiseanan do bhuidheann de dhaoine air a’ mheur-chlàr, ukulele, giotàr agus am bogsa, tha iomadh cruth air an obair againn agus tha e a’ gabhail a-steach ceòl eileagtronaigeach agus clàradh fuaime.

Thuirt aon duine a ghabh pàirt san iomairt seo, Alex a bha 25 bliadhna a dh’aois, nuair a rinneadh agallamh leis às dèidh làimh:

Cha robh eòlas sam bith agam air ceòl na h-Alba. Ach nuair a chunnaic mi am bogsa bha fios agam gun robh mi airson a chluich... Fhad ’s a tha mi an seo, tha mi a’ feuchainn ri feum ceart a dhèanamh den ùine agam.

Thuirt aon duine a ghabh pàirt san iomairt seo, Alex a bha 25 bliadhna a dh’aois, nuair a rinneadh agallamh leis às dèidh làimh