Air Ghleus le Nàdar

Bu toigh le Fèis Rois agus Dualchas Nàdair na h-Alba fiathachadh a thoirt do luchd-ciùil, ge bith dè an seòrsa ciùil sa bheil iad an sàs, ceòl neo òran ùr a chruthachadh mar phàirt den fharpais mhòir nàiseanta ‘Air Ghleus le Nàdar’.

Dè tha san fharpais?

Mar chomharra air Bliadhna Oirthirean is Uisgeachan na h-Alba, thathas a’ toirt fiathachadh do luchd-ciùil, aois 16 agus nas sine, ceòl no òran ùr a chruthachadh a tha air a bhrosnachadh le fear de na deich Tèarmainn Nàdair Nàiseanta a tha an Alba.

Duaisean

Thèid breithneachadh a dhèanamh air na pìosan le panail de luchd-ciùil agus proifeiseantaich chliùiteach às a’ ghnìomhachas; Julie Fowlis, Vic Galloway, Karine Polwart agus Fiona Dalgetty sa chathair. Gheibh an deichnear a thig am bàrr £500 an urra cho math ri cothrom air fiolm a chruthachadh mun tèarmann a thug brosnachadh dhaibh. Gheibh iad cuideachd cothrom a dhol an sàs ann an cuirmean-ciùil a thachras rè na bliadhna.

‘S iad na Tèarmainn Nàdair Nàiseanta:

  • Beinn Eighe (Siorrachd Rois),
  • Cille Bhlàthain (Dùn Phris),
  • Creag Mèagaidh (Loch Abar),
  • Forbhaidh (Siorrachd Obar Dheathain),
  • Eilean Mhàigh (Linne Fhoirthe),
  • Loch Lìobhann (Siorrachd Pheairt),
  • Nos (Sealtainn),
  • Rùm (Na h-Eileanan Tarsainn),
  • Tentsmuir (Fìobha)
  • Taigh Nis (Earra-Ghàidheal).

Bu chòir don obair ùr inbhean sònraichte nan Tèarmann Nàdair Nàiseanta a nochdadh ‘s feartan sònraichte oirthire no fìor-uisg’ aig gach tèarmann a chaidh a thaghadh. Cuirear fàilte shònraichte air òrain Ghàidhlig ùra co-cheangailte ri Beinn Eighe agus Creag Mèagaidh cho math ri òrain ann an Albais neo dual-chainntean ionadail ann an àitean eile. Bu chòir do luchd-ciùil a bhith ag amas air beartas nàdair na h-Alba a chur an cèill an dòigh ‘s gum brosnaicheadh iad an luchd-èisteachd beachdachadh air mar is còir dhaibh a dhìon.

 

Ri linn COVID-19 tha sinn a’ guidhe air luchd-compàirt gun a bhith a’ tadhal air na làraichean seo. An àite sin tha sinn a’ moladh gun dèanar rannsachadh aig an taigh gus am faighear eòlas air na làraichean, an eachdraidh agus na sgeulachdan co-cheangailte riutha. Mar thoiseach-tòiseachaidh tha sinn a’ moladh nan duilleagan aig na ceanglaichean-lìn shuas agus cuideachd an sreath seo de phod-craolaidhean. Gheibhear lorg cuideachd air grunn mhath de fhiolmaichean air Youtube is eile.

 

Clàr-ama

  • 1 Màrt 2020 – An fharpais ga cur air bhog
  • 31 Cèitean 2020 – Ceann-là dùnaidh na farpaise
  • 26 Òg-mhios 2020 –Buannaichean gan ainmeachadh
  • An t-Iuchar – An Lùnastal 2020 – A’ cruthachadh fhiolmaichean air làraichean nan tèarmann.

 

A’ cur phìosan thugainn

Bu chòir do luchd-compàirt na leanas a chur thugainn ro 31 Cèitean

  • ceangal ri Soundcloud neo clàradh MP3
  • PDF leis a’ cheòl sgrìobhte (ma tha s’urrain dhuibh)
  • Briathran an òrain
  • Eachdraidh-beatha 50 facal a dh’fhaid
  • Iomradh (200 facal aig a’ char as fhaide) air mar a thug an tèarmann a thagh thu brosnachadh dhut

Cuir post-d gu Fiona Dalgetty, Ceannard Fèis Rois, fiona.dalgetty@feisrois.org

 

Na Teirmichean agus Cumhaichean

  • Faodaidh luchd-compàirt aois 16 agus nas sine pàirt a ghabhail san fharpais.
  • Gabhar ri pìosan ciùil neo òrain ach cha bu chòir dhaibh a bhith nas fhaide na còig mionaidean.
  • Cha ghabhar ach ri aon phìos gach tèarmann bho gach farpaiseach. Faodar, ge-ta, pìos eile a chur thugainn mu thèarmann eile.
  • Chan eil cead aig luchd-obrach SNH, Fèis Rois no an teaghlaichean pàirt a ghabhail.
  • Dùnaidh an fharpais aig meadhan-oidhche, Latha na Sàbaid 31 Cèitean 2020. Cha ghabhar ri pìos sam bith às dèidh sin.

Glèidhidh luchd-compàirt làn-shealbh agus còirichean air am pìosan ach feumar cead a thoirt dha SNH an cleachdadh ann am foillseachaidhean sanasachd.