A film is shown as part of a Kin and the Community performance

Càirdean is Coimhearsnachd

Chuir dà bhuidhinn de luchd-ciùil òga bho Shiorrachd Rois beagan mhìosan seachad ag obair còmhla ris an fhìdhlear is sgrìobhaiche ciùil ainmeil Donnchadh Siosalach gus sgeulachd ionadail a rannsachadh, film a chruthachadh agus ceòl ùr a chruthachadh is ceòl bhon tasglann a chleachdadh airson gach fear de na filmichean goirid a tha rim faicinn an-diugh. Leis a’ phròiseact seo, fhuair daoine òga cothrom rannsachadh a dhèanamh air an dualchas aca fhèin agus dh’ionnsaich iad sgilean ùra a thaobh a bhith a’ sgrìobhadh ceòl, a’ dèanamh fhilmichean, rannsachadh agus sluagh-eòlas.

Tha a’ chiad sgeulachd mu dheidhinn Sandy Murdie (dròbhair à Loch Bhraoin) agus tha an dàrna sgeulachd mu dheidhinn Belle Anne NicAonghais (aon de na daoine mu dheireadh le Gàidhlig bho Bhailtean Taobh na Mara ann an Ros an Ear). Chaidh toraidhean an dà phròiseict a thaisbeanadh aig diofar fhèisean leithid Blas, Belladrum, Sidmouth agus Celtic Connections. Bha e gu sònraichte iomchaidh gun deach an sgeulachd aig Belle Anne NicAonghais a shealltainn airson a’ chiad uair aig Fèis nan Iasgairean ann am Baile an Todhair san Ògmhios 2017, glè fhaisg air Hilton far am b’ àbhaist i a bhith a’ fuireach.

A film is shown as part of a Kin and the Community performance

Tha am pròiseact, Càirdean is Coimhearsnachd, air iomadh doras fhosgladh dhomh agus iomadh cothrom a thoirt dhomh gus na sgilean agam a leasachadh agus choinnich mi tòrr dhaoine gasta.

Neach-ciùil a ghabh pàirt ann an Càirdean is Coimhearsnachd.
To top