Cèilidh air Chuairt

Thòisich Fèis Rois am prògram soirbheachail againn le Cèilidh air Chuairt ann an Siorrachd Rois ann an 2000. Às dèidh dha mar a shoirbhich leis a’ Chèilidh air Chuairt ann an Siorrachd Rois, thòisich Fèis Rois Cèilidh Nàiseanta air Chuairt airson Alba ann an 2012. Tha am pròiseact seo air a dhol bho neart gu neart bhon uair sin, agus tha e a’ toirt chothroman do luchd-ciùil òga bho air feadh Alba a bhith a’ cluich ann an àiteachan fad is farsaing san dùthaich. A bharrachd air a bhith a’ siubhal air feadh sgrìoban mòra den Ghàidhealtachd, bidh na Cèilidhean air Chuairt aig Fèis Rois a’ tadhal air Baile agus Siorrachd Obar Dheathain, Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh, Dùn Dè is Aonghas, Peairt is Ceann Rois, Dùn Èideann agus Lodainn an Ear, Glaschu, Fìobha, Siorrachd Lannraig, Siorrachd Pheairt, Crìochan na h-Alba agus Arcaibh.

Gheibhear fios mu prògram 2018 seo:

Prògram Chèilidh air Chuairt 2018

Tha tòrr luchd-ciùil a ghabh pàirt sa Chèilidh air Chuairt aig Fèis Rois a-nis ag obair ann an gnìomhachas ciùil na h-Alba far a bheil iad air cliù nach beag a chosnadh dhaibh fhèin. Nam measg tha Fraya Thomsen, Mairearad Green, Innes White agus Rachel Newton.

 

 

 

“Le bhith a’ dol air chuairt agus a’ coinneachadh ri luchd-ciùil bho dhiofar cheàrnaidhean de dh’Alba, dh’ionnsaich mi puirt ùra agus chuala mi diofar stoidhlichean a bhuin ris na sgìrean aca. Seach gun robh sinn a’ siubhal agus air chuairt, bha tòrr ùine againn dhuinn fhìn far an robh cothrom againn bruidhinn ri chèile mun eòlas a bh’ againn air gnìomhachas a’ chiùil agus air diofar sheòrsa chuirmean-ciùil agus a bhith a’ cluich do dhiofar sheòrsa luchd-èisteachd.”

Neach-ciùil bho 2017
Fiosrachadh mun Chèilidh air Chuairt aig Fèis Rois