Pupils at Banff Academy create their own musical instruments from scrap.

Ceumannan Traidiseanta ann an Siorrachd Obar Dheathain

Dà fhacal: iongantach, mìorbhaileach.

Sgoilear air P7

Tha sinn air obair a dhèanamh ann an Ear-thuath na h-Alba gus pròiseactan ceòl traidiseanta a lìbhrigeadh a bha air an dealbh a dh’aona-ghnothach gus frithealadh air daoine òga aig a bheil feumalachdan taice a bharrachd, clann aig ìre nan tràth-bhliadhnaichean, sgoilearan P6/7 agus sgoilearan àrd-sgoile.

O chionn beagan bhliadhnaichean tha sinn air obair a dhèanamh còmhla ri sgoilearan air P7 ann an sgìre-sgoile Acadamaidh Bhanbh far an robh iad ag ionnsachadh mu cheòl, a bhith a’ sgrìobhadh ceòl agus innleadaireachd-fuaime. Tha na clasaichean air filmichean goirid a dhèanamh airson a dhol còmhla ris a’ cheòl aca, agus thàinig iad uile còmhla an uair sin aig Acadamaidh Bhanbh gus na dh’ionnsaich iad a shealltainn do chàch a chèile agus airson a dhol an sàs ann an obair chiùil agus e na amas cùisean a dhèanamh nas fhasa dhaibh nuair a ghluaiseas iad bhon bhun-sgoil chun na h-àrd-sgoile.

Bha tòrr spòrs agam agus chòrd e rium gu mòr, agus tha barrachd misneachd agam a-nis nuair a thig e gu bhith gluasad gu ÀS1!

Sgoilear air P7

Abair latha sgoinneil a rinn feum mòr. Bha e dìreach air leth, tapadh leibh.

Tidsear Bun-sgoile
To top