Fèis Cheilteach Nàiseanta Astràilia

Bidh còrr is 15,000 duine a’ dol gu prìomh Fhèis Cheilteach Astràilia ann am Portarlington, 90 mionaid bho Melbourne, agus thèid an tachartas seo a chumail gach Ògmhios thairis air trì latha. ’S e tachartas bliadhnail a th’ ann far am faod teaghlaichean is caraidean tighinn còmhla agus far am faigh iad cothrom fois a ghabhail agus eòlas a chur air cultar farsaing nan dùthchannan Ceilteach.

Tha taghadh farsaing de na h-ealain mar phàirt den Fhèis Cheilteach Nàiseanta far a bheil cultar nan Ceilteach air a thaisbeanadh ann an iomadach dòigh is riochd ann an suidheachadh Astràilianach. Thèid an Fhèis a chumail ann an diofar àiteachan sa bhaile, a’ gabhail a-steach tallaichean is raointean coimhearsnachd, an taigh-òsta, taighean-bìdh, cafaidhean agus eaglaisean. Bithear cuideachd a’ cur phàilleanan an àirde ri taobh na mara airson ionadan-cleasachd eile a stèidheachadh; nam measg tha Àrd-ùrlar a’ Bhaile, An Club Ceilteach, Am Bàr-fìona, agus na Margaidhean Ceilteach.

Tha sinn air a bhith ag obair còmhla ris an Fhèis Cheilteach Nàiseanta bho 2013, agus gach bliadhna bidh còmhlan à Alba a’ dol ann gus bùithtean-obrach a chumail agus cluich ann am Melbourne agus timcheall air Bellarine san ùine ron fhèis. Bidh an t-seachdain a’ tighinn gu ceann le cuirm chom-pàirteach a thèid a chumail aig an fhèis.

Leis a’ chom-pàirteachas againn le Fèis Rois … tha sinn ag obair còmhla gus cothroman co-chomhairleachaidh is co-obrachaidh a chur air dòigh eadar luchd-ciùil òga à Astràilia agus Alba.

Una McAlinden, Stiùiriche na Fèise Ceiltiche Nàiseanta

Tuilleadh Fiosrachaidh

To top