Fèis Chiùil Thraidiseanta Chambridge

Tha Fèis Chiùil Thraidiseanta Chambridge air aon de na fèisean ciùil thraidiseanta as sine air an t-saoghal. Tha e air a bhith a’ dol bho 1965 agus bidh mu 14,000 neach a’ dol ann, agus tòrr dhiubh a’ tilleadh a h-uile bliadhna.

Tha an fhèis air cliù a chosnadh dhi fhèin mar thachartas aig an cluinnear measgachadh farsaing is àraid de cheòl agus tha àrainneachd is faireachadh na fèise gun samhail; bidh an luchd-ciùil traidiseanta as fheàrr às an Rìoghachd Aonaichte is Èirinn a’ cluich ann taobh ri taobh ri luchd-ciùil fìor ùr-nòsach, an luchd-ciùil tuath-cheòl as fheàrr à Ameireagaidh, luchd-ciùil ‘blues’ is ‘roots’, seinneadairean is sgrìobhadairean òran ainmeil, luchd-ciùil cliùiteach agus rionnagan mòra bho cheòl na ‘cruinne’.

’S e pàirt mòr de dh’fheallsanachd na fèise a bhith a’ toirt chothroman is taic do luchd-ciùil òga a tha dìreach a’ tòiseachadh air ainm a dhèanamh dhaibh fhèin agus ann an 2011 stèidhich an fhèis àrd-ùrlar a dh’aona-ghnothach, The Den, gus cothrom a thoirt do luchd-ciùil a tha fo 30 bliadhna a dh’aois adhartas a dhèanamh san dreuchd aca mar luchd-ciùil. Tha a’ Hub na àite sònraichte eile do luchd-ciùil òga far am faod iad pàirt a ghabhail ann am bùithtean-obrach, seiseanan agus far am faod iad ceòl a chluich.

Gach bliadhna, bidh luchd-ciùil òga bho Fhèis Rois a’ cluich aig an Fhèis agus bidh iad a’ gabhail pàirt ann am bùithtean-obrach, cuirmean com-pàirteach agus ann an cuirmean eile. Ann an 2018, bidh sinn a’ comharrachadh 10 bliadhna bho thòisich an co-obrachadh cultarach againn leis an fhèis.

Tuilleadh fiosrachaidh