Fuaimean DIGIT

Tha sinn air obrachadh còmhla ris a’ bhuidheann DIGIT air grunn phròiseactan a dhealbh sinn a dh’aona-ghnothach do dhiofar dhaoine bho 2012. Bha cruth eadar-dhealaichte air gach pròiseact a rèir cò na daoine òga a bha an sàs ann agus tha sgoilearan air an ceòl aca fhèin a chruthachadh, ionnsramaidean ùra a chluich, na h-òrain aca fhèin a sgrìobhadh agus an CD aca fhèin a dhèanamh. Cuideachd, tha daoine òga bhon bhuidhinn seo air pàirt a ghabhail ann an Òrain bhon Àird a Tuath, pròiseact-còmhnaidh.

B’ ann an 2017 a dh’obraich sinn còmhla ri DIGIT mu dheireadh air pròiseact. Sa phròiseact sin bha sgoilearan ag obair còmhla ri dithis luchd-ciùil is innleadair-fuaime gus an ceòl aca fhèin a chruthachadh stèidhichte air fèin-eòlas nan sgoilearan uile. Cuideachd, dh’ionnsaich na daoine òga an ukulele, sgrìobh iad òran còmhla agus chuir iad eòlas air clàradh fuaime agus feartan-fuaime eileagtronaigeach.

Tha a’ bhuidheann DIGIT a’ toirt daoine òga bho dhiofar sgoiltean còmhla gus eòlas a thoirt dhaibh a bheir barrachd misneachd dhaibh agus a bhrosnaicheas iad gu bhith a’ cur barrachd sùim annta fhèin. Seach gu bheil feumalachdan taice a bharrachd aig na daoine òga seo, tha e cudromach cuideachd gun ionnsaich iad sgilean beatha a ghabhas cleachdadh ann an diofar shuidheachaidhean san ùine ri thighinn. Chan eil a’ mhòr-chuid de na daoine òga air dad coltach ri seo a dhèanamh roimhe, mar sin, tha e uile ùr agus na dhùbhlan togarrach dhan a’ bhuidhinn air fad.

Roseann Christie, neach-obrach sgoile a bha an sàs ann a bhith a’ stèidheachadh DIGIT
To top