Solas dhan Roinn Eòrpa, Romàinia

’S e buidheann-charthannais Bhreatannach a th’ ann an Solas dhan Roinn Eòrpa a chaidh a stèidheachadh ann an 1986 le buidheann de luchd-proifeiseanta agus iad ag iarraidh prògraman taice, meidigeach agus taic dhaonna a chur air chois ann an Taobh Sear na h-Eòrpa. An-toiseach bha a’ bhuidheann-charthannais ag amas air daoine a bha feumach air taic mheidigeach a thoirt air falbh air itealain agus air taic dhaonna a thoirt do dhùthchannan air Taobh Sear agus ann am Meadhan na h-Eòrpa a bha fhathast fo smachd nan comannach – thòisich iad a’ toirt nan seirbheisean seo seachad ann an Romàinia tràth ann an 1990.

Ri ùine dh’atharraich a’ bhuidheann-charthannais adhbhar na buidhne gu bhith a’ cuideachadh clann is daoine òga ann an Romàinia aig a bheil duilgheadasan claisneachd is fradhairc feuch an tig piseach air am beatha, gus barrachd chothroman a thoirt dhaibh agus feuch an urrainn dhaibh pàirt a ghabhail ann an comann-sòisealta Romàinia agus gun tèid gabhail riutha mar bhuill den chomann-shòisealta sin.

Bidh Fèis Rois a’ cur air dòigh gun siubhail luchd-ciùil òga bho Alba a Romàinia dà thuras sa bhliadhna gus cuirmean-ciùil is bùithtean-obrach a chur air dòigh dhan chloinn feuch am bi cothrom aca air tachartasan sònraichte làn de cheòl is spòrs. Bidh an luchd-ciùil cuideachd a’ cluich aig an dà phrìomh thachartas airson airgead a thogail: An Dannsa Cailleannach agus Suipear Bhurns.

Tha daoine òga a fhuair cuideachadh bhon bhuidheann-charthannais cuideachd air àiteachan fhaighinn aig Fèis an h-Òigridh againn, feuch am bi cothrom aca ionnsachadh còmhla ri Albannaich òga aig tachartas ionnsachaidh fìor shònraichte.

Tha e san amharc dhuinn togail air a’ phròiseact chom-pàirteach shoirbheachail seo a tha air leigeil leinn ar cuid eòlais a cho-roinn le chèile, agus leanaidh an co-obrachadh le ar luchd-compàirt ann an Romàinia, còmhla ri leithid Solas dhan Roinn Eòrpa agus An Acadamaidh Chiùil Nàiseanta ann am Bucharest.

Ar taing mhòr is dhùrachdach do dh’Fhèis Rois a rinn cinnteach gun robh an 20mh Dannsa Cailleannach againn cho sònraichte math, agus iad gar cuideachadh le bhith a’ togail bratach cultar na h-Alba agus le bhith a’ toirt lòchran an dòchais agus iomadh cothrom do chloinn is daoine òga ann an Romàinia a tha dall no bodhar.

Caiptean Stan Platt, OBE, A Stèidhich Solas dhan Roinn Eòrpa

Tuilleadh fiosrachaidh

To top