Ceòl airson nan Tràth-bhliadhnaichean

Bidh clann nan sgoiltean-àraich a’ faighinn cothrom ceòl traidiseanta is sgeulachdan a chluinntinn agus eòlas a chur air cùisean cultarach tro ar bùithtean-obrach beothail is cruthachail. Bidh sinn a’ brosnachadh na feadhna bige gu bhith a’ cleachdadh nan ciadfathan aca, a bhith nas cruthachaile agus a bhith a’ leasachadh nan sgilean conaltraidh aca. Tha na gnìomhan a bhios sinn a’ dèanamh air an dealbh gus gach pàiste a chuideachadh le bhith a’ dèanamh adhartas a thaobh chomasan corporra is inntinne.

Chuir Fèis Rois a’ chiad app againn, Fun Folk, air bhog ann an 2016 agus e ag amas air clann òga

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu feadhainn de na pròiseactan a tha sinn air a lìbhrigeadh thoiribh sùil air na filmichean goirid seo:

Chòrd seo ris a h-uile duine cho mòr, an luchd-teagaisg agus na sgoilearan. Bhiomaid uile a’ coimhead air adhart ris gach seachdain. Chòrd a’ chlàrsach ris a’ chloinn mar a bha i cho socair, sèimh agus na fuaimean aice. Taing mhòr airson an cothrom mìorbhaileach seo a thoirt dhuinn.

Ceannard-sgoile

Fhuair an clas a’ chiad chothrom aca beagan eòlais a chur air a’ Ghàidhlig agus chòrd e riutha gu mòr a bhith ag èisteachd ris na sgeulachdan Albannach agus a bhith a’ dannsa.

Tidsear aig aon de na clasaichean
Ceòl airson nan Tràth-bhliadhnaichean

Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh fios thugainn. Rachael.duff@feisrois.org