Young tin whistle players stand in line and play a tune together.

YMI Sgoiltean

Bidh sinn a’ lìbhrigeadh phròiseactan ceòl traidiseanta is ealain ann am bun-sgoiltean is àrd-sgoiltean air feadh Alba agus bidh sinn a’ tabhann phròiseactan a tha air an dealbh a dh’aona-ghnothach airson feumalachdan ionnsachaidh nan diofar sgoiltean is ùghdarrasan ionadail.

Le maoineachadh bho Iomairt Chiùil na h-Òigridh, tha sinn air pròiseactan ciùil a thoirt gu buil ann an 19 de na 32 Ùghdarrasan Ionadail Albannach agus tha sinn air sgoiltean a chuideachadh le bhith a’ coileanadh gealladh Riaghaltas na h-Alba, “gum faigh a h-uile sgoilear ann an Alba cothrom air bliadhna de leasanan ciùil an-asgaidh mus fàg iad a’ bhun-sgoil”.

Tha Iomairt Chiùil na h-Òigridh (ICO) aig Riaghaltas na h-Alba (a tha air a ruith le Alba Chruthachail) ag amas air cothrom a thoirt do dhaoine òga na tha iad comasach a dhèanamh a choileanadh tro no ann an ceòl.

Tuilleadh fiosrachaidh mu mhaoineachadh ICO

Bidh gach pròiseact foghlaim againn ag amas air builean sònraichte bhon Churraicealam airson Sàr-mhathais a choileanadh.

Airson goireasan foghlaim a tha freagarrach airson a’ chlas agaibh no airson an cleachdadh aig an taigh, tadhlaibh air goireasan.

Churraicealam airson Sàr-mhathais

Tha ICO a’ cur às do na cnapan-starra sòisealta, agus tha e a’ toirt chothroman ionnsachaidh dhan chloinn ann an suidheachadh sàbhailte, spòrsail is co-obrachail agus tha ùidh aig a h-uile pàiste ann às bith dè an suidheachadh teaghlaich is taigheadais a th’ aca.

Iain Somerville – Oide ICO

Abair spòrs airson na cloinne - chualas iad a’ seinn nan òran aig àm-pleadha eadar na seiseanan.

Tidsearan

Bha na h-oidean uile gu math beothail is fiosrach agus thug iad brosnachadh mòr dhan chloinn sna seiseanan. Bha ùidh mhòr aig na sgoilearan anns na bha iad ag ionnsachadh agus fhuair iad eòlas air cultar na h-Alba a bharrachd air na h-ionnsramaidean fhèin. Thug na seiseanan cothrom dhan chloinn a bhith a’ cleachdadh is a’ taisbeanadh sgilean math dh’fhaodte nach biodh e air a bhith comasach dhaibh a leasachadh is a shealltainn às aonais na taice spèisealta seo.

Tidsearan

Tha sinn moiteil às mar a tha sinn a’ toirt chothroman fìor mhath do dhaoine òga ceòl a chluich is ionnsachadh. Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh fios gu Rachael